Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eas Cill Mhòrag mus deach an dàma a thogail
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_X_10
ÀITE
Cille Mhòraig
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11510
KEYWORDS
Eas Cill Mhòrag
dealan-uisge
damaichean
Mac Shimidh
Dam Cill Mhòrag
Kilmorack Falls before the building of the dam

Eas Cill Mhòrag, faisg air A' Mhanachainn, mus deach dàma an dealain-uisge a thogail. Mus tàinig an dàma, bha na h-easan a' tàladh mòran luchd turais don àite, agus chaidh taigh-samhraidh a thogail ri taobh nan eas mar àite-seallaidh. 'S e bu mhotha a tharraing an luchd turais a bhith a' coimhead air na bradain nan leum suas air na h-easan.

Tha sgeul mu MhacShimidh agus Easan Cill Mhòrag. Nuair a bhiodh daoine a' tadhal air MacShimidh, dh'innseadh e dhaibh gur e na bradain a bha iad ag ithe a rinn an còcaireachd fhèin. Mar fhianais, stiùireadh e dha na h-easan iad, far an deach teine a thogail air creig agus chaidh poit a chur air. Nuair a dh'fheuchadh na bradain ri sreap, leumadh fear dhiubh a chaill a chùrsa, a-steach dhan phoit.

Chaidh crìoch a chur air togail Dàma Cill Mhòrag sna 1960an, a'slugadh nan eas, ach chithear na bradain fhathast a' leum aig an dàma

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eas Cill Mhòrag mus deach an dàma a thogail

Eas Cill Mhòrag; dealan-uisge; damaichean; Mac Shimidh; Dam Cill Mhòrag

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection