Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Repairs on the Highland Railway

A' càradh Rathad-iarainn na Gàidhealtachd.

Thug Linn an Rathad-iarainn dhan Ghàidhealtachd meudachadh ann an àireamh an t-sluaigh agus ann am malairt. Dh'fhosgladh a' chiad loidhne rathad-iarainn eadar Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann air a' 5mh dhen t-Samhainn 1855, agus cha b' fhada gus an robh meudachadh eile na chois. Ann an 1858, rinneadh ceangal le lìonradh-rèile Mòr Alba-a-Tuath agus dh'fhosgail an loidhne eadar Inbhir Narann agus Baile Cheith. A' leantainn air seo chaidh Rathadh-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois a chur air bhonn ann an 1862 agus Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Comar Pheairt ann an 1863.

San Iuchar 1865, thàinig na companaidhean rathad-iarainn còmhla gus Companaidh Rathad-iarainn na Gàidhealtachd a dhèanamh, le bùthan-obrach agus prìomh-oifisean ann an Inbhir Nis. Chaidh bùthan-obrach Trèanaichean Lochgorm a thogail ann an 1864, agus bha iomadh togalach eadar-dhealaichte aca; nam measg bha bùthan-inneil, bùth-togail agus taigh cruinn, anns an robh clàr-tionndaidh anabarrach mòr a leig leis na h-einnseanan a bhith air an gluasad an ùine ghoirid. Rinn na Bùthan-obrach iomadh einnsean-smùide le ainmean ionadail mar 'Clachnacuddin' agus 'Strathpeffer', agus b'iad na bùthan-obrach aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd gu ruige 1923, nuair cho-aonaich a' chompanaidh le Rathad-iarainn London Midland agus Rathad-iarainn Alba

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' càradh Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Rathad-iarainn na Gàidhealtachd; Ionad-obrach Lochgorm; trèana-smùide; Linn an Rathaid-iarainn; Inbhir Nis; taigh cruinn; ionadan-obrach; Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois; Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Comar Pheairt; Dobhrag; London Midland

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection