Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Saighdearan a' tilleadh à Afraga a Deas, Lùnastal 1902
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_X_20
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
Lùnastal 1902
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11513
KEYWORDS
taighean-òsta
togalaichean
stèiseanan
Cameron Highlanders return from South Africa, August 1902

Nuair a thòisich a cogadh eadar Arm Bhreatainn agus Poblachd nam Boer ann an 1899-1902, bha feum aig buidhnean-catha na coisridh air solar cunbhalach de shaighdearan airson a dhol an àite nan fheadhainn a chaidh a leòn no a mharbhadh no a dh'fhàs tinn agus an àite nan saighdearan a thill dhachaigh nuair a bha an t-seirbheis aca deiseil. Chaidh a' Chiad Bhuidheann-chatha de na Camshronaich a neartachadh ann an Afraga a Deas le saighdearan Proifeiseanta bhon 2na Buidheann-chatha, a bha stèidhichte ann an Gibraltar aig an àm, le Saighdearan Proifeiseanta Glèidhte bhon Armlann Rèisimeideach agus le Saighdearan Glèidhte bhon 3s Buidheann-catha (Mailisidh). A bharrachd air seo, chuir a' Chiad Bhuidheann-chatha Shaor-thoileach làn Chompanaidh Seirbhis Shaor-thoileach air dòigh rè 1900-1901. Bhiodh tòrr shaighdearan a' falbh à Stèisean Inbhir Nis do phuirt anns a' cheann a deas. Nuair a thilleadh bhuidheann de shaighdearan à Afraga a deas, chuireadh gach taigh-òsta aig an robh pòla-brataich brataichean an àirde gus fàilte a chur orra, mar a chithear air Taigh-òsta an Stèisein Anns an dealbh seo.

Chaidh an uiread de bhuidhnean shaighdearan tron stèisean air an t-slighe gu Afraga a Deas is air ais is gu bheil e doirbh a bhith cinnteach cò na daoine a th' anns an deilbh. Chì sinn, ge-tà, gu bheil adan 'slouch' orra, a bha air an cleachdadh an àite a' chlogaid sola lachdainn nach deach a thoirt a-mach gu daoine gu faisg air deireadh na h-iomairt. Tha na daoine dìreach air tighinn a-mach à Stèisean Inbhir Nis agus air coiseachd seachad air Carragh-cuimhne nan Camshronach. Tha iad a' caismeachd a dh'ionnsaigh Gearastan Rathad Thelford agus chan ann a dh'ionnsaigh an Armlainn Rèisimeidich aig Gearastan nan Camshronach agus mar sin, dh'fhaodte gur e buidheann de Shaighdearan-glèidhte Mailisidh a th' annta air an t-slighe air ais a dh'Inbhir Nis

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa)

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Saighdearan a' tilleadh à Afraga a Deas, Lùnastal 1902

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

taighean-òsta; togalaichean; stèiseanan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection