Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis agus seann Drochaid Nis
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_X_24
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11516
KEYWORDS
Drochaid-crochaidh Nis
Inbhir Nis
stuagh baidealach
caistealan
Caisteal Inbhir Nis
Arm nan Seumasach
Uilleam Burn à Dùn-Eideann
Inverness Castle and the old Ness Bridge

Caisteal Inbhir Nis agus seann Drochaid Nis.

Chaidh an caisteal a th'ann an-diugh a thogail eadar 1833-36, agus a dhealbhadh le Uilleam Burn à Dùn Eideann. Ach bha iomadh dùn anns an àite sin bho na 1100an. Bha caisteal o na meadhan linntean air an làrach ann an 1745, ach chaidh a sgrios le Arm nan Seumasach. Chaidh a leagail an dèidh sin.

Dh'fhosgail seann Drochaid-crochaidh Nis an 1855, agus bha I 225 troigh bho cheann gu ceann. Air ceann an Ear na drochaid, air taobh chlì na deilbh, chaidh stuagh chaisealach a thogail a rinn doras breagha do dhaoine a' tighinn a-steach dhan bhaile. Air ceann an Iar na drochaid, chaidh dà thùr gu math na b'ìsle a thogail.

Seach gu robh am fosgladh air an taobh an Ear cho cumhang agus gu robh barrachd is barrachd trafaig a'dol tarsainn, chaidh planaichean a dhèanamh gun togadh iad an drochaid às ùr. Gus an tachradh sin, chaidh casg-luathas de 10 mhìle san uair a chur air an trafaig agus chìteadh duine le bratach dhearg a'cumail smachd air an trafaig gus nach biodh cus cuideim air an drochaid. Nuair a thòisich an Dàrna Cogadh chaidh an duine leis a'bhratach a thoirt air falbh, agus chaidh an drochaid a dhùnadh mu dheireadh ann an 1959.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis agus seann Drochaid Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Drochaid-crochaidh Nis; Inbhir Nis; stuagh baidealach; caistealan; Caisteal Inbhir Nis; Arm nan Seumasach; Uilleam Burn à Dùn-Eideann

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection