Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Rathad-iarainn A' Chaoil
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_X_33
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11522
KEYWORDS
An Caol
Rathad-iarainn Inbhir-pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Port an t-Sròim
stèiseanan rathad-iarainn
Kyle of Lochalsh Railway Station

Stèisean an Rathad-iarainn sa Chaol, dh'fhaoidte an latha a ràinig a' chiad trèana An Caol, an 2mh Samhain 1897.

Ràinig Rathad-iarainn Inbhir-pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich a' chiad cheann uidhe aig Port an t-Sròim deich bliadhna roimhe seo agus chuireadh stad air an obair nuair nach robh an còrr airgid aig a' chompanaidh. Mar sin chleachd Loch Carrann mar ceann-uidhe agus cidhe airson Innse Gall. B' e an t-sreath eadar Port an t-Sròim agus An Caol am pìos innleadaireachd bu daoire air rathaid-iarainn aig an àm. Chosg e £250,000, seach gum feumadh 31 ghearradh a dhèanamh sa chloich agus 29 drochaid a thogail. Thug am pìos seo de dheich mìle gu leth ceithir bliadhna ga thogail, gu ìre bhig cho fada 's a thug na 53 mìle eadar Inbhir-Pheofharain agus Port an t-Sròim.

Mus tàinig an rathad-iarainn, cha robh ach trì taighean anns A' Chaol. Air latha a' chiad trèana, chuireadh an t-ainm as fhaide 'Caol Loch-aillse' air a' bhàgh, agus mar chomharradh air an latha, chuir Mac a' Bhriuthainn aiseag air dòigh à Port Rìgh. Dh'fhàs An Caol an dèidh dhan loidhne fosgladh agus tha coimhearsnachd shoirbheachail ann an-diugh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Rathad-iarainn A' Chaoil

ROS: Loch Aillse

1890an

An Caol; Rathad-iarainn Inbhir-pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich; Port an t-Sròim; stèiseanan rathad-iarainn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection