Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Saighdearan a' dannsa Ruidhle An Tullaich
EXTERNAL ID
GB1796_1999_116_X_45
ÀITE
neo-aithnichte
DEIT
1883
LINN
1880an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
11527
KEYWORDS
dannsa
trusgain
Soldiers dancing the Reel of Tulloch

Buidheann de shaighdearan a' dannsa, leis a' phìobaire aca a' cluich. Tha na briathran 'Of Tulloch ... J.V.' aig bonn na deilbh air an taobh chlì. Tha na litrichean a' sealltainn gur e companaidh Valentine a thog an dealbh. Bha stiùideo aig Seumas Valentine (1815-1879) ann an Dùn Dè, is b' e dealbhadair cruth-tìre cudromach a bh'ann cuideachd, a' siubhal air feadh na dùthcha a' togail dhealbhan airson nan cairtean puist a bha an commpanaidh aige a' foillseachadh. Chlàraich a' chompanaidh an dealbh seo ann an 1883; 's dòcha gun deach a thogail roimhe sin.

Thathar ag ràdh gur ann anns an t-18mh linn a thòisich Ruidhl' an Tullaich nuair a bha ministear An Tullaich anmoch is thòisich an coithional a' dannsa airson cumail blàth. Thàinig e gu bhith gu math mòr-chòrdte anns an 19mh linn, is bha e na phàirt de phrògram dannsa a' Choinneachidh mu Thuath gu math tric.

Tha ceathrar a' dannsa ann an Ruidhl' an Tullaich. Chaidh a dhèanamh air beulaibh na Bàn-righ Bhioctoria uair anns na 1840an, nuair a bha Marcais Obar Chùirnidh, Fox Maule Urramach (Morair Dhalhousie an dèidh sin), Cluainidh Mac a' Phearsain is MacDhàibhidh An Tullaich a' dannsa.

Tha an tasglann as motha de sheallaidhean-tìre dubh is geal le James Valentine & Co air a chumail ann an Leabharlann Oilthigh Chill Rimhinn. Airson fiosrachadh a bharrachd air a' chruinneachadh seo, cuir fios dhan Leabharlann, air neo coimhead air Special Collections at St Andrews

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Saighdearan a' dannsa Ruidhle An Tullaich

1880an

dannsa; trusgain

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection