Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
"Newtonmore Village Hall" le Màiri Hedderwick
EXTERNAL ID
GB1796_D1101_2_25_42_08
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
Mairi Hedderwick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
11549
KEYWORDS
tallaichean baile
ionadan coimhearsnachd
"Newtonmore Village Hall" by Mairi Hedderwick

Chaidh Talla Baile Bhaile Ùr an t-Slèibh a dhealbhachadh le Alasdair Càtanach agus chaidh a togail ann an 1912-13.

An toiseach, b' e Stonemuir a bha air ach dh'atharraicheadh an t-ainm ann an 1828 gu Baile ùr an t-Slèibh. Aig toiseach an 19mh linn chumadh na margaidhean as motha eadar Inbhir Nis agus An Eaglais Bhreac an seo. Le ùidh na Banrìgh Bhioctòria sa Ghàidhealtachd, thadhail I air Àird Mhairgidh a tha faisg air agus smaoinich i air a cheannach. Dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar bhaile-turasachd, le sealg agus iasgach dha na daoine-uasal air na h-oighreachdan mòra.

Tha an obair seo bho chruinneachadh de dheilbh agus sgeidsichean leis an sgrìobhadair agus an neach-dhealbh mòr-chòrdte, Màiri Hedderwick. Tha ceangal air choreigin aca uile ri Baile Ùr an t-Slèibh agus tha mòran dhiubh cuideachd a' riochdachadh gèam iomain. Thathas nas eòlaich air Màiri Hedderwick mar ùghdar agus neach-dhealbh an t-sreath leabhraichean chloinne, Ceitidh Mòrag, air a bheil mòran measail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

"Newtonmore Village Hall" le Màiri Hedderwick

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

tallaichean baile; ionadan coimhearsnachd

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Mairi Hedderwick Drawings

Chaidh Talla Baile Bhaile Ùr an t-Slèibh a dhealbhachadh le Alasdair Càtanach agus chaidh a togail ann an 1912-13.<br /> <br /> An toiseach, b' e Stonemuir a bha air ach dh'atharraicheadh an t-ainm ann an 1828 gu Baile ùr an t-Slèibh. Aig toiseach an 19mh linn chumadh na margaidhean as motha eadar Inbhir Nis agus An Eaglais Bhreac an seo. Le ùidh na Banrìgh Bhioctòria sa Ghàidhealtachd, thadhail I air Àird Mhairgidh a tha faisg air agus smaoinich i air a cheannach. Dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar bhaile-turasachd, le sealg agus iasgach dha na daoine-uasal air na h-oighreachdan mòra.<br /> <br /> Tha an obair seo bho chruinneachadh de dheilbh agus sgeidsichean leis an sgrìobhadair agus an neach-dhealbh mòr-chòrdte, Màiri Hedderwick. Tha ceangal air choreigin aca uile ri Baile Ùr an t-Slèibh agus tha mòran dhiubh cuideachd a' riochdachadh gèam iomain. Thathas nas eòlaich air Màiri Hedderwick mar ùghdar agus neach-dhealbh an t-sreath leabhraichean chloinne, Ceitidh Mòrag, air a bheil mòran measail.