Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
dealbh iomain gun tiotal #10 le Màiri Hedderwick
EXTERNAL ID
GB1796_D1101_2_25_42_35
CRUTHADAIR
Mairi Hedderwick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
11574
KEYWORDS
leann
leanntan
taighean-grùide
untitled shinty drawing #10 by Mairi Hedderwick

'S e aon de shreath de sgeidsichean mu ghèam iomain a tha seo. Chan eil tiotal air agus tha e a' sealltainn soidhne a' sanasachadh leann air a bheil 'Stag Ale'. Chan eil fios an robh 'Hay's Ale House' ann no an e ficsean a bh' ann.

Bha 'Stag Scottish Ale' air a dhèanamh bho thùs le Taigh-grùide Tom an t-Sabhail. Chaidh an companaidh a thòisich a' grùidearachd san t-Samhain 1993 ann an muileann-uisge bhon 18mh linn faisg air Tom an t-Sabhail, a ghabhail thairis le Taigh-grùide an Aghaidh Mhòr ann an 2000. Chaidh seo an uair sin a ghabhail thairis le Companaidh Grùidearachd an A' Mhonadh Ruaidh aig deireadh 2001.

Tha an obair seo bho chruinneachadh de dheilbh agus sgeidsichean leis an sgrìobhadair agus an neach-dhealbh mòr-chòrdte, Màiri Hedderwick. Tha ceangal air choreigin aca uile ri Baile Ùr an t-Slèibh agus tha mòran dhiubh cuideachd a' riochdachadh gèam iomain. Thathas nas eòlaich air Màiri Hedderwick mar ùghdar agus neach-dhealbh an t-sreath leabhraichean chloinne, Ceitidh Mòrag, air a bheil mòran measail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

dealbh iomain gun tiotal #10 le Màiri Hedderwick

leann; leanntan; taighean-grùide

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Mairi Hedderwick Drawings

'S e aon de shreath de sgeidsichean mu ghèam iomain a tha seo. Chan eil tiotal air agus tha e a' sealltainn soidhne a' sanasachadh leann air a bheil 'Stag Ale'. Chan eil fios an robh 'Hay's Ale House' ann no an e ficsean a bh' ann.<br /> <br /> Bha 'Stag Scottish Ale' air a dhèanamh bho thùs le Taigh-grùide Tom an t-Sabhail. Chaidh an companaidh a thòisich a' grùidearachd san t-Samhain 1993 ann an muileann-uisge bhon 18mh linn faisg air Tom an t-Sabhail, a ghabhail thairis le Taigh-grùide an Aghaidh Mhòr ann an 2000. Chaidh seo an uair sin a ghabhail thairis le Companaidh Grùidearachd an A' Mhonadh Ruaidh aig deireadh 2001.<br /> <br /> Tha an obair seo bho chruinneachadh de dheilbh agus sgeidsichean leis an sgrìobhadair agus an neach-dhealbh mòr-chòrdte, Màiri Hedderwick. Tha ceangal air choreigin aca uile ri Baile Ùr an t-Slèibh agus tha mòran dhiubh cuideachd a' riochdachadh gèam iomain. Thathas nas eòlaich air Màiri Hedderwick mar ùghdar agus neach-dhealbh an t-sreath leabhraichean chloinne, Ceitidh Mòrag, air a bheil mòran measail.