Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togalach Alasdair Ghrannd ann an Caol-shràid Baron Taylor, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
GB1796_GRANT_979_65_PHOTO_003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11595
KEYWORDS
fìdhlearan
fidheall
a' fìdhlearachd
slatan-iasgaich
iasgach
iasgairean
Grant's premises in Baron Taylor's Lane, Inverness

B' ann à Battangorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) agus 's ann à sin a fhuair e am far-ainm aige - 'Battan'. B' ann nuair a bha e na bhalach a thàinig e faisg air an dà rud a b' fheàrr leis na bheatha - a' fìdhlearachd agus ag iasgach. Dh' fhàs e anabarrach math anns na dà dhiubh; mar iasgair ann a bhith ag innleachadh slat-iasgach ris an canar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear agus e na cheannard air Comann Gàidhealach Srath-spè agus Ruidhle airson cha mhòr dà fhichead bliadhna agus cuideachd ann a bhith ealanta ann an dèanamh fhidhealan. Cuideachd, dh'innlich e fìdheall a bha cruinn ris an canar 'Rondello'. Chithear eisimpleirean de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello Alasdair Ghrannd ann an Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Inbhir Nis.

Anns a' Chèitean 1887 ghluais Grannd gnìomhachas nan slat-iasgaich agus acfhainn à Drochaid Chàrr gu Inbhir Nis, an toiseach aig Togalaichean Ghleann Albainn, Sràid Young. Ghluais e bho sin na b' fhaide air adhart gu togalach aig 7 Baron Taylor's Lane a bha a' toirt a-steach gobha copair agus tiona agus togalach gruagaire agus an gnìomhachas slat-iasgaich agus acfhainn. 'S dòcha gur e Mgr Grannd nuair a bha e na b' òige a tha na sheasamh taobh a-muigh an doras aghaidh (meadhan na deilbh)

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togalach Alasdair Ghrannd ann an Caol-shràid Baron Taylor, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

fìdhlearan; fidheall; a' fìdhlearachd; slatan-iasgaich; iasgach; iasgairean

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant (photographs)