Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' togail an rathaid-iarainn, An Sloc
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_441
ÀITE
An Sloc
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11625
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
còmharrachadh
drochaidean
innleadairean
Constructing the railway over Slochd

Tha prìomh-loidhne na Gàidhealtachd eadar Inbhir Nis is Peairt aig an t-Sloc ga togail anns an deilbh seo.

Aig 400 meatair, is e an Sloc an dàrna àite as àirde air Prìomh-loidhne na Gàidhealtachd eadar Inbhir Nis is Peairt (tha Bealach Dhruim Uachdair 460 m a dh'àirde). Tha soidhne a' comharrachadh seo.

Leis cho àrd sa tha an Sloc, bha feum air locothan paidhleat gus na trèanaichean a chuideachadh suas am bruthach agus chaidh lùb seachnaidh a chur ann airson nan locothan seo. B' e Lùb an t-Sloc an t-ainm a bh' air seo agus bha e air obrachadh le dà bhogsa-chomharraidhean (agus an uair sin le dìreach aon bhogsa-chomharraidhean). Dhùin an lùb ann an 1963.

Tha Drochaid an t-Sloc na drochaid-rèile cloiche le ochd boghachan. Tha i a' toirt Rathad-iarainn na Gàidhealtachd thairis air Uisge Èireann faisg air Tom Aitinn. Dh'fhosgail an drochaid seo, a chaidh a thogail le Murdoch Paterson, Prìomh Innleadair Rathad-iarainn na Gàidhealtachd, ann an 1897. Tha inbhe chlàraichte aig ìre-B aig an drochaid.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' togail an rathaid-iarainn, An Sloc

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1890an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; còmharrachadh; drochaidean; innleadairean;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides