Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe agus Stèisean ùr, Caol Loch Aillse.
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_444
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1890an; 1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11628
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
loidihne a' Chaoil
rathad-iarainn nan eilean
rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich
Rathad-iarainn Leudachaidh Chaol Loch Aillse
aithisg Beeching
rathad-iarainn na Gaidhealtachd
The New Pier and Station at Kyle of Lochalsh

Cidhe agus Stèisean ùr, Caol Loch Aillse.

Chaidh an cidhe agus an stèisean fhosgladh ann an 1897. Ràinig Rathad-iarainn Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich a' chiad cheann uidhe aig Port an t-Sròim seachd bliadhna fichead roimhe seo agus chuireadh stad air an obair nuair nach robh an còrr airgid aig a' chompanaidh. Mar sin chaidh Loch Carrann a chleachdadh mar ceann-uidhe agus cidhe airson Innse Gall gus an do dh'fhosgail stèisean is cidhe a' Chaoil.

B' e an earrann den loidhne eadar Port an t-Sròim agus An Caol am pìos innleadaireachd a bu daoire riamh air rathad-iarainn aig an àm. Chosg e £250,000, seach gum feumadh 31 gearraidhean (cuttings) a dhèanamh sa chloich agus 29 drochaid a thogail. Thug am pìos seo de dheich mìle gu leth ceithir bliadhna ga thogail, mun aon àm 's a thug na 53 mìle eadar Inbhir Pheofharain agus Port an t-Sròim.

Cha robh ach beagan taighean anns a' Chaol gus an tàinig an rathad-iarainn ach dh'fhàs am baile gu mòr mar thoradh air an rathad-iarainn agus am bàta-aiseag do na h-eileanan.
Anns an aithisg ainmeil aige 'Reshaping Britain's Railways' ann an 1963, mhol an Dr Richard Beeching gum bu chòir Loidhne a' Chaoil a dhùnadh cho math ri Loidhne a' Chinn a Tuath agus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Cha deach na loidhnichean seo a dhùnadh, ge-tà. Bha oidhirp eile ann gus loidhne a' Chaoil a dhùnadh aig tòiseach nan 1970an ach tha an loidhne agus an stèisean fhathast fosgailte.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe agus Stèisean ùr, Caol Loch Aillse.

ROS: Loch Aillse

1890an; 1900an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; loidihne a' Chaoil; rathad-iarainn nan eilean; rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich; Rathad-iarainn Leudachaidh Chaol Loch Aillse; aithisg Beeching; rathad-iarainn na Gaidhealtachd

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides