Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' cleachdadh Crann-sneachda faisg air Inbhir Ùige, 1908
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_445
ÀITE
Inbhir Ùige
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1908
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11629
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
aithisg Beeching
Loidhne na Gaidhealtachd a Tuath
Snow plough at work near Wick, 1908

Anns an deilbh seo, chithear crann-sneachda air loco faisg an Inbhir Ùige, Gallaibh ann an 1908.

Bha na rathaidean-iarainn air Ghàidhealtachd buailteach a bhith a' faighinn droch gheamhraidhean gu h-àraidh anns an dàrna leth den 19mh linn, nuair a bha na loidhnichean ùr. Chaidh feansaichean a chur suas ach cha robh iad èifeachdach.

Sna 1860an chaidh croinn-shneachda a dheilbh agus a thogail aig ionad-obrach an rathaid-iarainn ann an Inbhir Nis. B' urrainn dhaibh cuitheachan cho domhainn ri 12 throigh a ghluasad. Bhiodh suas ri ceithir einnseanan air an ceangal ri chèile agus bhiodh an crann a' dèanamh 'ionnsaigh' air a' chuithe-sneachda bho mu leth-mhìle air falbh. Bha flapaichean cliathaich air lùdagan aca a ghabhadh am pasgadh nuair nach robh iad gan cleachdadh.

Dh'fhosgail Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa eadar 1862 agus 1874. Tha i còrr is 150 mìle a dh'fhaid agus 's i an rathad-iarainn as fhaide a tuath san Rìoghachd Aonaichte.

Anns an aithisg ainmeil aige 'Reshaping Britain's Railways' ann an 1963, mhol an Dr Richard Beeching gum bu chòir Loidhne a' Chinn a Tuath a dhùnadh cho math ri Loidhne a' Chaoil agus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Cha deach na loidhnichean seo a dhùnadh, ge-tà, agus tha Loidhne a' Chinn a Tuath fhathast fosgailte.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' cleachdadh Crann-sneachda faisg air Inbhir Ùige, 1908

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1900an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; aithisg Beeching; Loidhne na Gaidhealtachd a Tuath;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides