Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' chiad trèana aig fosgladh Rathad-iarainn Liaboist
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_465
ÀITE
Liabost
SGÌRE
Gallaibh a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Latharan
DEIT
1 Iuchar 1903
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11647
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
stèiseanan dùinte
seann stèiseanan
locothan
einnseinnean
smuid
rathaidean-iarainn duinte
loidhnichean duinte
Rathad-iarainn na Gaidheltachd
The first train at the opening of the Lybster Railway

Anns an deilbh seo, chithear HR 53 'Lybster' ann an Liaboist, Gallaibh leis a' chiad trèana air loidhne ùr Inbhir Ùige agus Liaboist.

Dh'fhosgail Rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liaboist air costa an ear Ghallaibh 1 Iuchar 1903. Bha stèiseanan ann ann an Thrumster, Ulbster, Clyth Meadhanach, Occumster agus Liabost a bharrachd air stadan (halts) ann an Welsh's Crossing, Roster Road agus Parkside.

Chaidh an rathad-iarainn dùthchail seo a thogail fo Achd nan Rathad-iarainn Aotrom (Light Railways Act) 1896, achd a bha ag amas air an lìonra-rèile a leudachadh ann an sgìrean dùthchail tro bhith ga dhèanamh nas fhasa is nas saoire rathaidean-iarainn ùra a thogail. B' e Liabost an treas port sgadain as motha ann an Alba uair às dèidh Inbhir Ùige agus Baile nam Frisealach agus b' e gnìomhas an èisg am prìomh adhbhar airson na loidhne seo.

Bha an loidhne neo-eisimeileach ach chaidh na trèanaichean a ruith às leth na companaidh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd. Chaidh an rathad-iarainn a ghabhail thairis leis an LMS ann an 1923. Ruith na trèanaichean mu dheireadh air an loidhne ann an 1944. Tha stèisean Liabost a-nis air a chleachdadh mar togalach club-goilf a' bhaile.

Ann ann 1890, gus àite an einnsein tanca clas 'Belardrum' 2-2-2 'Strathpeffer' (HR12) a bha a' fàs aosta a ghabhail, thog Rathad-iarainn na Gàidhealtachd einnsean tanca dìollaid ùr aig an ionad-obrach aca, Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Bha co-chur rothan 2-2-2 aige cuideachd agus chaidh ainmeachadh 'Strathpeffer' cuideachd. B' e 13 an àireamh thùsail a bh' air ach chaidh ath-àireamhachadh mar 53 san t-Sultain 1899. Chaidh ath-thogail le goileadair ùr agus tancaichean cliathaich ann an 1901 agus chaidh ath-ainmeachadh mar 'Lybster' sa Chèitean 1903 nuair a chaidh a ghluasad a dh' obrachadh air Rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liabost a bha air ùr chrìochnachadh. Chaidh ath-àireamhachadh a-rithist ann an 1919, an turas seo gu 53 A agus ghluais e gu sealbh LMS mar 15050. Chaidh a thoirt à seirbheis san Dùbhlachd 1929.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' chiad trèana aig fosgladh Rathad-iarainn Liaboist

GALLAIBH: Latharan

1900an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; stèiseanan dùinte; seann stèiseanan; locothan; einnseinnean; smuid; rathaidean-iarainn duinte; loidhnichean duinte; Rathad-iarainn na Gaidheltachd;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides