Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bogsa nan comharraidhean, Dùn Robain
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_470
ÀITE
Dùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11652
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
rathad-iarainn na Gaidhealtachd a Tuath
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
monarcachd
rioghalachd
lotothan
einnseinnean
smuid
Taigh-tasgaidh Cheann a Tuath Shasainn
Signal box at Dunrobin

Anns an deilbh seo, chithear bogsa nan comharraidhean, Dùn Robain, Cataibh.

Dh'fhosgail stèisean Dùn Robain ann an Cataibh anns an t-Samhain 1870 mar phàirt de Rathad-iarainn Dhiùc Chataibh (the Duke of Sutherland's Railway) eadar Goillspidh, Brùra agus Bun Ilidh. Phàigh an Diùc fhèin - George Sutherland-Leveson-Gower, 3s Diùc Chataibh - airson an rathad-iarainn seo a thogail. Tha seo a-nis na phàirt de Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa.

Is e stèisean prìobhaideach airson Caisteal Dhùn Robain, dachaigh an Diùic a bha seo an tòiseach. Dhùin an stèisean air 29 Faoilleach 1965 ach chaidh ath-fhosgladh mar "Chaisteal Dhùn Robain" air 30 Ògmhios 1985. Tha an stèisean fosgailte gach bliadhna as t-Earrach agus as t-Samhradh airson luchd-turais a tha a' tadhail air a' chaisteil.
A bharrachd air stèisean prìobhaideach a bhith aig Diùcan Chataibh, bha trèana phrìobhaideach aca cuideachd.

Cheannaich an 4mh Diùc - Cromartie Sutherland-Leveson-Gower - loco ann an 1895 air an robh "Dunrobin" agus chaidh seo a chleachdadh leis an teaghlach gu mu 1920. Am measg nan daoine a bha air bòrd "Dunrobin", bha ceithir rìghrean (Eideard VII, Seòras V, Seòras VI, Alfonso Rìgh na Spàinn agus Kaiser Wilhelm II) agus Winston Churchill.

Às dèidh còrr ar dà fhichead bliadhna ann an Canada, chaidh an loco seo a cheannach le Taigh-tasgaidh Beamish ann an County Durham ann an 2011 far am bi e tarraing trèana aon uair eile.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bogsa nan comharraidhean, Dùn Robain

CATAIBH: Goillspidh

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; rathad-iarainn na Gaidhealtachd a Tuath; Rathad-iarainn na Gàidhealtachd; monarcachd; rioghalachd; lotothan; einnseinnean; smuid; Taigh-tasgaidh Cheann a Tuath Shasainn;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides