Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gearradh faisg air Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_476
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1890an; 1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11658
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
loidihne a' Chaoil
rathad-iarainn nan eilean
rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich
Rathad-iarainn Leudachaidh Chaol Loch Aillse
aithisg Beeching
rathad-iarainn na Gaidhealtachd
innleadaireachd
Cutting near Kyle of Lochalsh

Anns an deilbh seo, chithear gearradh (cutting) air an rathad-iarainn faisg air Caol Loch Aillse.

Chaidh an rathad-iarainn gu Caol Loch Aillse fhosgladh ann an 1897. Ràinig Rathad-iarainn Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich a' chiad cheann uidhe aig Port an t-Sròim seachd bliadhna fichead roimhe seo agus chuireadh stad air an obair nuair nach robh an còrr airgid aig a' chompanaidh. Mar sin chaidh Loch Carrann a chleachdadh mar ceann-uidhe agus cidhe airson Innse Gall.

B' e an earrann den loidhne eadar Port an t-Sròim agus An Caol am pìos innleadaireachd a bu daoire air rathad-iarainn riamh aig an àm. Chosg e £250,000, seach gum feumadh 31 gearraidhean (cuttings) a dhèanamh sa chloich agus 29 drochaid a thogail. Thug am pìos seo de dheich mìle gu leth ceithir bliadhna ga thogail, mun aon àm 's a thug na 53 mìle eadar Inbhir Pheofharain agus Port an t-Sròim.

Mus tàinig an rathad-iarainn, cha robh ach beagan thaighean anns a' Chaol ach dh'fhàs am baile gu mòr mar thoradh air an rathad-iarainn agus air an aithisg do na h-eileanan.

Anns an aithisg ainmeil aige 'Reshaping Britain's Railways' ann an 1963, mhol an Dr Richard Beeching gum bu chòir Loidhne a' Chaoil a dhùnadh cho math ri Loidhne a' Chinn a Tuath agus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Cha deach na loidhnichean seo a dhùnadh, ge-tà. Bha oidhirp eile ann gus loidhne a' Chaoil a dhùnadh aig tòiseach nan 1970an agus tha an loidhne agus an stèisean fhathast fosgailte.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gearradh faisg air Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1890an; 1900an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; loidihne a' Chaoil; rathad-iarainn nan eilean; rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich; Rathad-iarainn Leudachaidh Chaol Loch Aillse; aithisg Beeching; rathad-iarainn na Gaidhealtachd; innleadaireachd;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides