Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Ben Attow' air an Further North Express
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_478
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11660
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
locothan
einnseinnean
smuid
'Ben Attow' on the Further North Express

Anns an dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid HR 7 'Ben Attow' agus e a' tarraing an "Further North Express".

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair nan einnseanan aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach clas de dh'einnsean 4-4-0 do thrèanaichean luchd-siubhail. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir sa chlas seo, na "Small Bens".

Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àir. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àir. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rathad-iarainn na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àir. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Loco Breatainn a Tuath (NB Loco) ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh BR ann an 1948.
Fhuair e an àireamh 14403 bhon LMS, agus a-rithist 54403 bho BR, agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1949.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Ben Attow' air an Further North Express

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; locothan; einnseinnean; smuid;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides