Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 48 air an trèana Rìoghail aig Cille Chuimein
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_02_481
ÀITE
Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
DEIT
25 Sultain 1905
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11663
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
stèiseanan dùinte
seann stèiseanan
rathaidean-iarainn duinte
loidhnichean duinte
HR 48 on the Royal train at Fort Augustus

HR 48 air trèana Rìoghail aig Cille Chuimein rè an turais aig Rìgh Eideard VII don Ghàidhealtachd ann an 1905.

'S e 'Skye Bogie' a th' anns an loco seo. Thòisich e ann an seirbheis san Dùbhlachd 1901, thàinig i gu bhith LMS 14285 mus deach a thoirt à seirbheis san Dàmhair 1928.

Bha Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Cille Chuimein a' ceangal Drochaid an Aonachain (air loidhne na Gàidhealtachd an Iar) agus Cille Chuimein. Chaidh an Achd a bha a' toirt cead an rathad-iarainn a thogail aontachadh ann an 1896 agus dh'fhosgail an loidhne anns an Iuchar 1903. Bha an loidhne air a h-obrachadh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (Highland Railway) airson a' chiad còig bliadhna agus bho 1908 gus an do dhùin i ann an 1947 bha i air a h-obrachadh le Rathad-iarainn an NB (North British). Sguir seirbheisean luchd-siubhail ann an 1933.

Bha na stèiseanan a leanas air an loidhne: Drochaid an Aonachain (ceann-rèile), Geàrr-Lòchaidh, Àrd-ùrlar Inbhir Ghlaoidh, Inbhir Garadh, Obar Chaladair, Cille Chuimein, Cidhe Chille Chuimein.

Bha e san amharc gum b' e seo a' chiad pàirt de cheangal rèile eadar An Gearastan agus Inbhir Nis ach cha d' fhuair e na b' fhaide na Cille Chuimein air sgàth eas-aonta eadar Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar agus an NB air aon taobh agus Rathad-iarainn na Gàidhealtachd air an taobh eile.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 48 air an trèana Rìoghail aig Cille Chuimein

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

1900an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; stèiseanan dùinte; seann stèiseanan; rathaidean-iarainn duinte; loidhnichean duinte;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides