Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean a' Mhùnd
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_20
ÀITE
A' Mhùnd
SGÌRE
Dòrnach agus Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11689
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
rathadan-iarainn aotrom
reachdas
rathad-iarainn na Gaidhealtachd a Tuath
rathaidean-iarainn duinte
loidhnichean duinte
The Mound station

Anns an deilbh seo, chithear Stèisean a' Mhùnd ann an Cataibh. Tha e coltach gun deach seo a thogail tràth sna 1900an.

Bha an stèisean seo, a tha faisg air Goillspidh, air Loidhne a' Chinn a Tuath (an loidhne gu Inbhir Ùige is Inbhir Thèorsa) agus dh'fhosgail e ann an 1868. Bho 1902 a-mach, bha e na cheann-loidhne aig Rathad-iarainn Aotrom Dhòrnaich. Dhùin an stèisean 13 Ògmhios 1960 - an aon latha sa dhùin an loidhne gu Dòrnach.

Dh'fhosgail Rathad-iarainn Aotrom Dhòrnaich 2 Iuchar 1902. Bha e 8 mìle a dh'fhaid le stèiseanan ann an Dòrnach, Skelbo, Eurabol agus a' Mhùnd agus stad (halt) ann an Cambusavie. Bha a' mheur-loidhne ceangailte ri Loidhne a' Chinn a Tuath (an loidhne gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa) aig Stèisean a' Mhùnd faisg air Goillspidh. Bha an rathad-iarainn seo le companaidh neo-eisimeileach agus air obrachadh às an leth le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (Highland Railway - HR) gus an deach a ghabhail thairis leis an LMS (London Midland and Scottish) aig àm a' Chruinneachaidh (Grouping) ann an 1923. Dhùin loidhne Dhòrnaich ann an 1960.

Chaidh an rathad-iarainn dùthchail seo a thogail fo Achd nan Rathad-iarainn Aotrom (Light Railways Act) 1896, achd a bha ag amas air an lìonra-rèile a leudachadh ann an sgìrean dùthchail tro bhith ga dhèanamh na b' fhasa is na bu shaoire rathaidean-iarainn ùra a thogail.

Chaidh trì rathaidean-iarainn a thogail air a' Ghàidhealtachd fon reachdas seo: Rathad-iarainn Dhòrnaich ann an Cataibh (1902-1960), Rathad-iarainn Inbhir Ùige agus Liaboist ann an Gallaibh (1903-1944) agus Rathad-iarainn Cheann Loch Chille Chiarain is Mhachaire Shanais ann an Earra-Ghàidheal (1906-1931).

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean a' Mhùnd

CATAIBH: Dòrnach

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; rathadan-iarainn aotrom; reachdas; rathad-iarainn na Gaidhealtachd a Tuath; rathaidean-iarainn duinte; loidhnichean duinte;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides