Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 56 'Dornoch' taobh a-muigh seada
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_24
ÀITE
Dòrnach
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11693
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
rathaidean-iarainn duinte
loidhnichean duinte
steiseanan duinte
seann steiseanan
reachdas
rathaidean-iarainn aotrom
HR 56 'Dornoch' outside Dornoch shed

Anns an deilbh seo, chithear HR 56 'Dornoch' taobh a-muigh seada Dhòrnaich.

B' e trì tancaichean dìollaid 0-6-0 a' chiad locothan a chaidh a thogail ann an ionad-obrach Loch Gorm aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (Highland Railway - HR) ann an Inbhir Nis. B' e an aon dealbhachadh ùr de locothan a chaidh a thoirt a-steach rè ùine Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locothan na companaidh. Cha deach a thogail ach trì einnseanan. Tha iad sin air am measadh mar ro-ruithear clas 'Terrier', no A1 de dh'einnsean tanca aig Rathad-iarainn Lunnainn Brighton is an Costa a Deas (Brighton and South Coast Railway - LB&SCR).

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 56 'Dornoch'. B' e seo a' chiad den chlas 'Lochgorm' a chaidh a thogail sa Ghiblean 1869. B' e 'Balnain' an t-ainm tùsail a bh' air agus chaidh ath-thogail sa Ghearran 1896 agus air ath-ainmeachadh 'Dornach' ann an 1902 nuair a b' e seo an loco a bha ag obrachadh Rathad-iarainn Aotrom Dhòrnaich.

Anns na bliadhnachan mu dheireadh de a beatha chaidh e tro dhiofar atharrachadh àireamh: gu 56A san Iuchair 1919, air ais gu 56 san t-Sultain 1919, gu 56A a-rithist san Iuchair 1921 agus 56B sa Chèitean 1922. An dèidh a' Chruinneachaidh (Grouping) ann an 1923 b' e LMS 16118 a bh' air.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 56 'Dornoch' taobh a-muigh seada

CATAIBH: Dòrnach

1900an; 1910an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; rathaidean-iarainn duinte; loidhnichean duinte; steiseanan duinte; seann steiseanan; reachdas; rathaidean-iarainn aotrom;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides