- TIOTAL
- Am ceann-rèile eadar meur-loidhne Liaboist agus prìomh-loidhne Inbhir Ùige gu Georgemas Junction
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_26
- ÀITE
- Inbhir Ùige
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Inbhir Ùige
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11695
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
stèiseanan dùinte
seann stèiseanan
reachdas
rathaidean-iarainn aotrom
loidhnichean duinte
rathaidean-iarainn duinte
loidhne na Gaidhealtachd a tuath
loidhne a' chinn a tuath

Anns an deilbh seo, chithear an ceann-rèile eadar meur-loidhne Liaboist agus prìomh-loidhne Inbhir Ùige-Georgemas Junction.
Dh'fhosgail Rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liaboist air costa an ear Ghallaibh 1 Iuchar 1903. Bha stèiseanan ann ann an Thrumster, Ulbster, Clyth Meadhanach, Occumster agus Liabost a bharrachd air stadan (halts) ann an Welsh's Crossing, Roster Road agus Parkside.
Chaidh an rathad-iarainn dùthchail seo a thogail fo Achd nan Rathad-iarainn Aotrom (Light Railways Act) 1896, achd a bha ag amas air an lìonra-rèile a leudachadh ann an sgìrean dùthchail tro bhith ga dhèanamh nas fhasa is nas saoire rathaidean-iarainn ùra a thogail. B' e Liabost an treas port sgadain as motha ann an Alba uair às dèidh Inbhir Ùige agus Baile nam Frisealach agus b' e gnìomhas an èisg am prìomh adhbhar airson na loidhne seo.
Bha an loidhne neo-eisimeileach ach chaidh na trèanaichean a ruith às leth na companaidh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd. Chaidh an rathad-iarainn a ghabhail thairis leis an LMS ann an 1923. Ruith na trèanaichean mu dheireadh air an loidhne ann an 1944. Tha stèisean Liabost a-nis air a chleachdadh mar togalach club-goilf a' bhaile.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive