Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 53 taobh a-muigh an t-seada, Liabost
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_33
ÀITE
Liabost
SGÌRE
Gallaibh a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Latharan
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11701
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
stèiseanan dùinte
seann stèiseanan
reachdas
rathaidean-iarainn aotrom
loidhnichean duinte
rathaidean-iarainn duinte
locothan
einnseinnean
smuid
loidhne na Gaidhealtachd a tuath
loidhne a' chinn a tuath
HR 53 outside the shed at Lybster

Anns an deilbh seo, chithear HR 53 'Lybster' taobh a-muigh seada-einnsein Liaboist.

Ann ann 1890, gus àite an einnsein tanca clas 'Belardrum' 2-2-2 'Strathpeffer' (HR12) a bha a' fàs aosta a ghabhail, thog Rathad-iarainn na Gàidhealtachd einnsean tanca dìollaid ùr aig an ionad-obrach aca, Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Bha co-chur rothan 2-2-2 aige cuideachd agus chaidh ainmeachadh 'Strathpeffer' cuideachd. B' e 13 an àireamh thùsail a bh' air ach chaidh ath-àireamhachadh 53 san t-Sultain 1899. Chaidh ath-thogail le goileadair ùr agus tancaichean cliathaich ann an 1901 agus chaidh ath-ainmeachadh mar 'Lybster' sa Chèitean 1903 nuair a chaidh a ghluasad a dh' obrachadh air Rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liabost a bha air ùr chrìochnachadh. Chaidh ath-àireamhachadh a-rithist ann an 1919, an turas seo gu 53 A agus ghluais e gu sealbh LMS mar 15050. Chaidh a thoirt à seirbheis san Dùbhlachd 1929.

Dh'fhosgail Rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liaboist air costa an ear Ghallaibh 1 Iuchar 1903. Bha stèiseanan ann ann an Thrumster, Ulbster, Clyth Meadhanach, Occumster agus Liabost a bharrachd air stadan (halts) ann an Welsh's Crossing, Roster Road agus Parkside.

B' e Liabost an treas port sgadain as motha ann an Alba uair às dèidh Inbhir Ùige agus Baile nam Frisealach agus b' e gnìomhas an èisg am prìomh adhbhar airson na loidhne seo.

Chaidh an rathad-iarainn dùthchail seo a thogail fo Achd nan Rathad-iarainn Aotrom (Light Railways Act) 1896, achd a bha ag amas air an lìonra-rèile a leudachadh ann an sgìrean dùthchail tro bhith ga dhèanamh nas fhasa is nas saoire rathaidean-iarainn ùra a thogail.

Bha an loidhne neo-eisimeileach ach chaidh na trèanaichean a ruith às leth na companaidh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd. Chaidh an rathad-iarainn a ghabhail thairis leis an LMS ann an 1923. Ruith na trèanaichean mu dheireadh air an loidhne ann an 1944.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 53 taobh a-muigh an t-seada, Liabost

GALLAIBH: Latharan

1900an

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; stèiseanan dùinte; seann stèiseanan; reachdas; rathaidean-iarainn aotrom; loidhnichean duinte; rathaidean-iarainn duinte; locothan; einnseinnean; smuid; loidhne na Gaidhealtachd a tuath; loidhne a' chinn a tuath;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides