Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uidheam iomlaid comharra loidhne-singilte air HR 90 'Grandtully'
EXTERNAL ID
GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_43
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11710
KEYWORDS
rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
locothan
einnseannan
smuid
comharrachadh
sabhailteachd
As 987.168.42 Rear view

Anns an deilbh seo, chithear uidheam iomlaid comharra loidhne-shingilte (single-line token exchange apparatus) air an loco clas 'Srath' HR 90 'Grandtully'.

Airson a dhol air loidhne shingilte, feumaidh comharra loidhne-shingilte a bhith aig dràibhear an loco. Tha na comharran seo gan cleachdadh gus nach bi barrachd air aon trèana air loidhne shingilte aig àm sam bith. Bhiodh an uidheamachd seo ag iomlaid nan comharran airson loidhnichean singilte.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 90. Bha an t-ainm 'Glentromie' air an tòiseach ach chaidh ath-ainmeachadh mar 'Grandtully ann an 1897 agus chaidh ath-àireamhachadh trì turais: gu 90A sa Chèitean 1918; gu 90 san t-Sultain 1919; agus gu 90A san t-Samhain 1919. Chaidh a thoirt à seirbheis agus a reic ann an 1923.

Chaidh an clas 'Strath' de locothan 4-4-0 luchd-siubhail a thogail do Rathad-iarainn na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. ann an Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locothan na companaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locothan eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan loco air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uidheam iomlaid comharra loidhne-singilte air HR 90 'Grandtully'

rathaidean-iarainn; treanaichean; còmhdhail; locothan; einnseannan; smuid; comharrachadh; sabhailteachd;

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Railway Lantern Slides