Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachd Taistealaiche - Eachdraidh & Rathaidean
EXTERNAL ID
GB1796_TRAVELLER_INTERVIEW_01
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2003
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11715
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
luchd-tathaich
taistealaich
ceàrdan
luchd na staoin
teaghlaichean luchd-taisdeil
A Traveller's Tale - Background & Routes

Ann an 2003, rinn Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis taisbeanadh air luchd-siubhail. Ghabh Wille, 's e fhèin na thaistealaiche, pàirt ann an agallamh eachdraidh beul-aithriseach a bha inntinneach agus fiosrachail ach an cuidicheadh e le rannsachadh an fhiosrachaidh. Ann an seo tha e a' bruidhinn air eachdraidh an teaghlaich ri taistealachd agus na rathaidean a ghabhadh iad. (San dealbh-chamara chithear campa àbhaisteach luchd-siubhail mu 1920-1940).

An aithnich thu do theaghlach air ais am measg an luchd-taisteil?

O aithnichidh, innsidh mise mo theaghlach air ais - greis air ais! M' athair, 's ann bho thaobh Obar Dheathain a tha esan agus mo mhàthair, 's ann à Dùn Bhreatainn, taobh Loch Laomainn, a tha ise.

Dè seòrsa cuairt siubhail a dhèanadh sibh?

Uill, rinn mise mòran siubhail, ach bha mi ann an taigh greis mhòr, ann an Eilginn. Roimhe sin bhiodh sinn ri iasgach nan neamhnaidean. 'S e iasgairean-neamhnaidean a th' annainn uile. Bhiodh sinn ann an Granton 's timcheall nan àiteachan sin - Brechin, Angus, Fiobha. Ach cha robh sinn cus ann am Fiobha; b' ann sa phàirt seo den dùthaich a bu trice a bha sinn. Shocraich sinn ann an taigh, a chionns' mar a thuirt mi, bha sinn san teanta-bogha 's thàinig oirnn a dhol dhan sgoil, tuigidh tu - agus muinntir an sòiseal 's a h-uile cail a bha sin. Chuir an sgoil fios thuca - teaghlach a' fuireach ann an teanta bogha sna nineteen seventies! Agus dùil acasan gu robh an teanta-bogha air a dhol a-mach à bith fada roimhe sin! Mar sin fhuair sinn taigh mòr - bha e sna pàipearan-naidheachd! 1970 - cha robh mise ach ochd no rudeigin. Chleachd mi a bhith a' faighinn mo mhì-shealbh aig an sgoil; balaich-sgoile nan seasamh dìreach air beulaibh an teanta-bogha. Bhiodh sinn uile a' tighinn a-mach le cinn mar seo [làmhan is gàirdeanan a' sealltainn falt mòr molach]. Tòrr aimhreit san sgoil, ach tut!

A bheil plana air a chur sìos airson an rathad a ghabhas tu?

Tha, tha gu dearbh. Bliadhnaichean air ais cha robh sin ann - bhiodh tu dìreach ga cheangal suas agus dh'fhalbhadh tu. Bhiodh sinn an còmhnaidh a' faighinn nan seann àiteachan campaidh, mar a bh' aca orra. Ach an-diugh tha iad uile air falbh - 's ann aig Dualchas na h-Alba a tha e air neo aig Fiadh-bheatha [na h-Alba] a tha e - ionadan mar sin. Tha pàtran agad; thèid thu an siud, thèid thu an seo, ach tha iad air mòran ionadan charabhain a thogail an-diugh. Mar sin ma tha ionad-charabhan san sgìre, tha còir agad a bhith air an ionad sin. Talamh na Comhairle. Chan eil talamh choitcheann ann tuilleadh!

Eil thu 'faicinn seo, a' putadh a' bhara? [a' coimhead air dealbh-camara de theaglach taisdeil a' putadh bara] Bhiodh sinn a' dèanamh tòrr dheth sin timcheall na sgìre seo. Ma tha e ceithir thaobhach ceàrnagach, tha thu a' faighinn barrachd ann, nach eil? Nuair a bha mise beag 's e clas na bu bhochda de luchd-taisteil a bh' annainn, 'l fhios agad, o champa gu campa. Chan eil fhios am co mheud mìle a dhèanadh sinn ann an latha. A-muigh air an dùthaich an Obar Dheathain 's mar sin, bhiodh sinn a' coiseachd. Nan tigeadh sinn gu ionad beag far an robh abhainn, champadh sinn an oidhche. Bhiodh mo mhàthair air thoiseach oirnn, a' dol do na taighean ri dèirceach, 'l fhios agad, na tuathanasan 's an leithid. Cha b' e airgead a gheibheadh i an uair sin ach biadh a chumadh beò sinn, mar gum biodh. Bidh sin a' cur tàmailt oirnn a' bruidhinn mar sin a-nis, ach b' ann mar sin a bha cùisean an uair sin. Rinn sinn tòrr siubhail mar sin, agus uaireannan cha chuireadh sinn suas an teanta-bogha idir, 's dòcha oidhcheannan an t-samhraidh, sgaoileadh sinn a-mach e agus laigheadh sinn air a mhuin fo na rionnagan, mar a chanas iad [Gàire]. Saoilidh mi gur e dòigh-beatha fhallain a bh' ann. Cha chuimhnich mi air duine sam bith againn a bh' ann an ospadal no faisg air dotair!

A bheil an teaghlach agaibh fhathast a' siubhal?

Chan eil, tha iad uile ann an taighean - ach mise! Chan eil mise airson tuineachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachd Taistealaiche - Eachdraidh & Rathaidean

2000an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; luchd-tathaich; taistealaich; ceàrdan; luchd na staoin; teaghlaichean luchd-taisdeil

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

A Traveller's Tale