Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachd Taistealaiche - Teantaichean-bogha
EXTERNAL ID
GB1796_TRAVELLER_INTERVIEW_02
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2003
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11716
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
luchd-tathaich
taistealaich
ceàrdan
luchd na staoin
teantaichean-bogha
A Traveller's Tale - Bow Tents

Ann an 2003, rinn Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis taisbeanadh air luchd-siubhail. Ghabh Wille, 's e fhèin na thaistealaiche, pàirt ann an agallamh eachdraidh beul-aithriseach a bha inntinneach agus fiosrachail ach an cuidicheadh e an rannsachadh fiosrachaidh. Ann an seo tha e a' bruidhinn air fear de na dachaighean rè-ama a bhiodh aig na taistealaich - an teanta-bogha. (San dealbh-chamara chithear campa àbhaisteach luchd-siubhail mu 1920-1940).

Dè seòrsa fiodha a bhiodh aca airson teanta-bogha a dhèanamh?

'S e calltainn no caorann a bhiodh ann, rudeigin a ghabhadh lùbadh. Glè thric bheireadh iad leotha na slatan - bha feum aig na teantaichean a bhith a' siubhal, 'l fhios agad? Uaireannan dh'fhàgadh iad na slatan, a rèir càite robh iad a' dol. An crochadh air - cuid champaichean gheibheadh tu pailteas shlatan, 'l thu tuigs'? Bha mòran dhiubh a' giùlan nan slatan leotha. 'S e 'lochgellys', 'gellys' a bh' againn air na teantaichean bogha. Ach luchd-siubhail 'New Age' 's e 'benders' a th' aca orra. Agus bheireadh iad leotha an canabhas a h-uile h-àite a dheidheadh iad. Agus bheireadh iad leotha barrachd de na maidean seileach - 'hazel saplings' mar a bh' aca orra - barrachd dhiubh sa gheamhradh bhon dh'fheumadh na teantaichean a bhith - na bu treasa, làidir.

Dè cho fada 's a bhiodh tu a' togail teanta-bogha?

Uill, dh'fhaodadh tu a bhith - a rèir mar a bha an sìde [gàire]. 'S e na fireannaich a thogadh iad. San teaghlach againne 's e m' athair a thogadh iad. As t-samhradh bhiodh iad air an togail ann an uair a thìde bho nach robh feum orra a bhith làidir, sa bhlàths as t-samhradh - 's dòcha dìreach dhà no trì boghannan de challtainn. 'S e boghannan a bh' againn orra. Bhiodh e furasta gu leòr maidean seileach a chur orra ach 's e dìreach boghannan a bh' againn orra - na maidean, na slatan fhèin. 'S e 'hazel willows' facal na bu shnasail.

Am biodh tu dìreach gan sparradh a-steach don talamh?

Tha thu gam putadh a-staigh. Sa gheamhradh tha thu gam putadh domhainn agus nas dlùithe, tòrr dhiubh còmhla, 'l fhios agad? As t-samhradh bidh thu a' cur 's dòcha còig air an aon taobh, còig air an taobh eile - cha robh feum air neart - 's e samhradh a bh' ann. Sa gheamhradh, na gèileannan, dh'fheumadh e bhith làidir. Cuid gèileannan a' gheamhraidh, cuid de na h-àiteachan san Eilean Sgitheanach, bha iad gu math fosgailte.

An robh na teantaichean-bogha blàth?

Seadh, bha, bhon chaidh mo thogail ann am fear dhiubh! Chaidh mi dhan sgoil cuideachd 's mi annta, Agus tha, tha cuimhn' agam, bliadhnaichean mòra air ais, am 'Press an Journal' a' tighinn a-steach a' togail dhealbhan dhiubh. Och bha e caran hiort is ho, 's dòcha cruaidh sa gheamhradh, caran fuar ag èirigh son na sgoile - (nuair a chaidh sinn dhan sgoil).

Dè bhiodh agaibh air an làr?

O, bha sràbh againn air an làr, ach dìreach anart air a mhuin airson bobhstair. Ach bha teaghlach mòr ann, seachdnar againn. Agus bha na caileagan air an aon taobh, na balaich air an taobh aig an tòin agus na pàrantan an taobh seo agus bha stòbha, mar a chanadh tu, sa mheadhan.

A bheil na carabhanan nas fheàrr na teantaichean?

Seadh, tha thu nas fheàrr ann an carabhan. Na tog ceàrr mi! Tha e blàth, agus nuair a tharraingeas tu a-steach gu àite campaidh chan fheum thu ach na casan-taice a chur sìos. Ach càite bheil na campaichean an-diugh? Ma tha barrachd air 's dòcha dhà no trì carabhanan ann tha iad ga mheas mar 'convoy', 'l fhios agad?

Uill, bhithinn a' siubhal mar bu trice leam fhìn, 's dòcha dìreach dhà no trì carabhanan. Mar is àbhaist tha mi leam fhìn, ach bidh thu a' faighinn teaghlaichean nach eil idir a' sgaradh. A' dol bho champa gu campa. Mar na Siùbhlaichean Èireannach, bidh iad dìreach a' dol gu ionadan nan carabhan, an t-aon teaghlach air fad, bliadhna air bliadhna, bidh iad dìreach a' tighinn a-steach. Tha tòrr luchd-taisteil Albannach ann. Tha iadsan nam measgachadh de na dhà.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachd Taistealaiche - Teantaichean-bogha

2000an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; luchd-tathaich; taistealaich; ceàrdan; luchd na staoin; teantaichean-bogha

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

A Traveller's Tale