Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachd Taistealaiche - A' Buain Neamhnaidean is Fhaochagan
EXTERNAL ID
GB1796_TRAVELLER_INTERVIEW_03
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2003
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11717
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
luchd-tathaich
taistealaich
ceàrdan
luchd na staoin
iasgairean neamhnaidean
faochagan
A Traveller's Tale - Pearl Fishing & Whelk Gathering

Ann an 2003, rinn Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis taisbeanadh air luchd-siubhail. Ghabh Wille, 's e fhèin na thaistealaiche, pàirt ann an agallamh eachdraidh beul-aithriseach a bha inntinneach agus fiosrachail ach an cuidicheadh e an rannsachadh fiosrachaidh. Ann an seo tha e a' bruidhinn air iasgach nan neamhnaidean is buain nam faochagan. (San dealbh-chamara chithear campa àbhaisteach luchd-siubhail mu 1920-1940).

Ciamar a bha thu a' dèanamh iasgach nan neamhnaidean?

Uill chuir iad casg air sin a-nis, eh? Chan eil e ceadaichte. Tha iad air a bhith a' buain nan neamhnaidean ann an Alba bho làithean nan Ròmanach. B' e iasgair nan neamhnaid a bha nam athair; rinn e iasgach nan neamhnaidean fad a bheatha, mo sheanair, sìos na ginealaichean. Bhiodh an luchd-taisteil gu lèir ris uaireigin greis air ais. Uill, tha Abhainn Spè againn, an abhainn as motha - 's e abhainn mhath a th' ann. Tha Abhainn Chonain ann, Abhainn Fharair; tha mòran aibhnichean againn an Alba! Bha cuid den luchd-taisteil ann nach innseadh sian don luchd-taisteil eile! Bhiodh tu dìreach a' faighinn peile agus a' cur gloine san tòin dheth. Cuir air a' bhriogais-aibhne agad, theirig dhan abhainn. Coimhead tron tòin - tron ghloine. Chì thu am feusgan agad na shuidhe. Tha do mhaide sònraichte agad agus bidh thu - tha am feusgan na shuidhe, bidh thu ga tharraing suas on bhonn air am 'berth'. Bhiodh iad uaireigin gam marbhadh, 'l fhios ad. An deich bliadhna mu dheireadh bha inneal sònraichte againn dìreach airson am fosgladh.

Tha fear (feusgan) ann a tha caran dìreach agus fear eile a tha beagan cam; bhiodh 's dòcha ochd a-mach à deich a bha cam anns am biodh neamhnaid nam broinn. Bha iad cam gus am biodh rùm ann far am fàsadh an neamhnaid - b' e sin an fheadhainn. Tha cuimhn' agam nuair a bha mi òg - can Abhainn Spè 's a leithid - chitheadh tu teaghlach Mhic a' Mhaoilein, 's dòcha fichead no trithead teantaichean-bogha beaga. Seadh, bhiodh seasgad no seachdad iasgair nan neamhnaid shuas an sin a h-uile samhradh; an cuid teintean beaga a-muigh agus an canaichean beaga, dìreach, teantaichean-bogha beaga, eh? Dòigh-beatha shona. Chòrd e rium nuair a bha mi òg ach mar a thuirt mi, chuir iad casg air sin a-nis gu tur a chionns gu robh e coltach gu robh cus iasgaich a' dol sna h-aibhnichean. Cha robh e - cha robh ann ach 's dòcha ceithir iasgair nan neamhnaid ann an Alba gu lèir agus chuir iad coire air na h-iasgairean. 'S e truailleachd a tha sa chuid as motha dheth; na h-oighreachdan mòra seo. Lorg mise e mar sin an deich bliadhna mu dheireadh sin, an fheadhainn on deas a thig gu tuath 's a cheannaicheas na h-oighreachdan mòra, cha robh iad idir ag iarraidh nan iasgair-neamhnaid air na h-aibhnichean. 'Cur dragh air a' bhradan, tuigs'?

Am bruidhinn thu air faighinn nam faochagan?

Ach, tha sibh a' bruidhinn air na faochagan? Bha mòran den luchd-taisteil a' faighinn nam faochagan. Dìreach nuair a bha muir-tràigh ann, dìreach gam buain o na creagan. Gan reic ann am pocannan. B' e siud e, chan eil mòran ri ràdh. Tha mòran den luchd-taisteil ga dhèanamh a-nis. O tha iad trom. Bha e math uaireigin, chan eil e cho fada bhuaithe, mar a thuirt mi cha robh an duthaich ro dhona. Bhiodh an luchd-taisteil a' dèanamh obair, obair bho dhoras gu doras, leithid mullaichean thaighean is craobhan. Tha sin uile a' tighinn gu crìch, bheil thu tuigs'? 'S mar sin tha iad uile air ais ag obair air na faochagan. Chan eil an t-uabhas de thràigh ann an-diugh. 'S dòcha còig bliadhna air ais chan fhaiceadh tu mòran ga dhèanamh, ach mar a tha an dùthaich a' dol, tha e dìreach a' fàs nas duilghe, nach eil. Tha iad math ri ithe, na faochagan.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachd Taistealaiche - A' Buain Neamhnaidean is Fhaochagan

2000an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; luchd-tathaich; taistealaich; ceàrdan; luchd na staoin; iasgairean neamhnaidean; faochagan

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

A Traveller's Tale