Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachd Taistealaiche - A' Cosnadh Beò-shlàint
EXTERNAL ID
GB1796_TRAVELLER_INTERVIEW_04
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2003
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11718
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
luchd-tathaich
taistealaich
ceàrdan
luchd na staoin
eich
staoin
A Traveller's Tale - Earning a Living

Ann an 2003, rinn Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis taisbeanadh air luchd-siubhail. Ghabh Wille, 's e fhèin na thaistealaiche, pàirt ann an agallamh eachdraidh beul-aithriseach a bha inntinneach agus fiosrachail ach an cuidicheadh e an rannsachadh fiosrachaidh. Ann an seo tha e a' bruidhinn air mar a bha a theaghlach a' cosnadh caithe-beatha. (San dealbh-chamara chithear campa àbhaisteach luchd-siubhail mu 1920-1940).

Am faod mi faighneachd dè na rudan a dhèanadh do mhàthair?

Uill chaidh ise, dìreach, a' glanadh - chuireadh i sinne don sgoil, còcaireachd. Chuir a' chuid a bu mhotha den luchd-siubhail seachad leth dham beatha cha mhòr a' còcaireachd, glanadh, agus dìreach mar a dhèanadh tu ann an taigh! Nigh'daireachd! An uair sin dheidheadh i dha na taighean i fhèin le a basgaid. Bha i a' reic prìnichean anairt. Bhiodh m' athair gan dèanamh. Dheidheadh i do na bùithean, gheibheadh i barr-iallan saora, bruisean fhiaclan, cìrean, is rudan airson praisean a sgùradh. Agus bhiodh m' athair a' dèanamh rudan e-fhèin a sguradh praisean, dèant à fraoich, 'scrubbers'. Bhiodh e a' dèanamh sguaban agus dhèanadh e basgaidean, flùraichean fiodha. Agus bhiodh e a' dèanamh tòrr 'busgadh' bhon 's e pìobaire a bh' ann, eil thu faicinn? 'S e pìobaire a bha sa h-uile duine san teaghlach agam - ach mise! [gàire] Bhiodh e a' cluiche tòrr airson airgid - rinn e caithe-beatha math às a siud - ach eh, 's e obair thartach a bh' ann dha, tuigs'? 'S ann mar sin a chumadh sinn a' dol. Tron gheamhradh 's e mo mhàthair a bu trice a dheidheadh dha na taighean, a' reic bhasgaidean, 's chanadh i gum b' e sin a stoc.

Bhiodh mòran den luchd-taisteil sna làithean sin a' dèanamh an staoin fhèin. Tuigidh tu nach robh plastaig idir ann. Tha mi 'smaoineachadh gur e Grianaig a bh' ann. Chuireadh iad air falbh airson clàran tiona, leithid cho mòr ris a' bhòrd seo. Gheibheadh iad tiùrr math chlàran. Phaigheadh iad air sin agus thug iad air ais e (gu tuath). Bha an 'stake' aca - 's e cnap iarainn a tha sin, caran coltach ri innean, 'l fhios ad. 'S ann mar sin a dhèanadh iad am peileannan, cupanan is soithichean - mìosan shoithichean. Agus bhiodh iad a' dol timcheall air na tuathanasan. Bhiodh iad gan soldraigeadh, agus bhiodh mòran dhiubh a' cur dùnaidhean orra.

B' e na daoine a dhèanadh an staoin 's an leithid, 's ann às a seo, luchd-siubhail an taobh a Tuath a bh' annta, 'l fhios ad? Bha mòran den luchd-taisteil shìos taobh Obar Dheathain 's e luchd-malairt de mhìr-sgudal, 's luchd-reic nan each, a bh' annta. Na tog ceàrr mi, bha tòrr de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich ris na h-eich cuideachd - ann am Port Rìgh bha fèill-reic eich ann a h-uile Disathairne, 'l fhios agad.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachd Taistealaiche - A' Cosnadh Beò-shlàint

2000an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; luchd-tathaich; taistealaich; ceàrdan; luchd na staoin; eich; staoin

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

A Traveller's Tale