Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachd Taistealaiche - A' Biadhadh an Teaghlaich
EXTERNAL ID
GB1796_TRAVELLER_INTERVIEW_05
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2003
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11719
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
sochairean cion cosnaidh
airgead poblach
luchd-tathaich
taistealaich
A Traveller's Tale - Feeding the Family

Ann an 2003, rinn Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis taisbeanadh air luchd-siubhail. Ghabh Wille, 's e fhèin na thaistealaiche, pàirt ann an agallamh eachdraidh beul-aithriseach a bha inntinneach agus fiosrachail ach an cuidicheadh e an rannsachadh fiosrachaidh. Ann an seo tha e a' bruidhinn air cumail bìdh ris an teaghlach. (San dealbh-chamara chithear campa àbhaisteach luchd-siubhail mu 1920-1940).

An tàinig mòran den bhiadh agaibh às na b' urrainn dhuibh glacadh no faighinn on talamh?

' 'S e na bha sinn a' dèanamh, bha sinn a' cumail coin shealg. Bhiodh sinn a' marbhadh nan geàrr againn fhìn; bhiodh m' athair a' cur sìos ribean. Chanadh daoine gur e 'born poacher' a bh' ann. Chaidh ar n-àrach air rabaidean, geàrran, easagan - rudan mar sin. Uill iasgach - tòrr iasgaich - bradan air a phoidsigeadh is rudan mar sin. Bhiodh mòran den luchd-siubhail nach feuchadh sin, leithid an fheadhainn a' fuireach air oirean a' bhaile. Nuair a chaidh mo thogail-sa cha robh sinn a' creidsinn ann am fuireach faisg air baile idir; b' ann a-muigh air an dùthaich a bha sinn fad an t-siubhail.

As t-samhradh bha e furasta. Bhiodh m' athair a' dèanamh tòrr obair timcheall nan tuathanasan. 'S e na basgaidean uèir a bhiodh aige - na 'tattie baskets'. Agus, mar a thuirt mi, sa Chèitean bhiodh e ri iasgach nan neamhnaidean, agus bha caithe-beatha math an sin, agus bha na dearcan againn. Cha deach sinn idir dhan Bhlàr - 's ann a bhiodh sinne a' dol gu Rathais. Shuas an seo 's e àite math a bh' ann agus timcheall na Manachainn, eadar a' Mhanachainn agus Inbhir Nis, bhiodh sinn ag obair an sin. Bha an samhradh furasta, ach bha tòrr cruadail ann sa gheamhradh. Ach co-dhiù gheibheadh sinn ar n-airgead on 'dole' - ann an làithean m' athar cha robh airgead 'dole' idir ann!

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachd Taistealaiche - A' Biadhadh an Teaghlaich

2000an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; sochairean cion cosnaidh; airgead poblach; luchd-tathaich; taistealaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

A Traveller's Tale