Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeulachd Taistealaiche - Cànain is Saobh-chràbhadh
EXTERNAL ID
GB1796_TRAVELLER_INTERVIEW_06
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2003
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
11720
KEYWORDS
luchd-siubhail
dòighean-beatha
luchd-tathaich
taistealaich
saobh-chràbhadh
A Traveller's Tale - Language & Superstitions

Ann an 2003, rinn Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis taisbeanadh air luchd-siubhail. Ghabh Wille, 's e fhèin na thaistealaiche, pàirt ann an agallamh eachdraidh beul-aithriseach a bha inntinneach agus fiosrachail ach an cuidicheadh e an rannsachadh fiosrachaidh. Ann an seo tha e a' bruidhinn air cainnt no 'cant' an luchd-taisteil agus cuid den t-saobh-chràbhadh aca. (San dealbh-chamara chithear campa àbhaisteach luchd-siubhail mu 1920-1940).

Am faod mi faighneachd mun chainnt (the cant)?

Seadh, can gu bheil coin agad - 's e 'buffard' a th' againn air; 's e 'cù' a th' aig muinntir na Gàidhlig air. Nas coltaich ri 'cow'! Ma tha 'gadgie' agad (fireannach), 's e 'glough' (gallach?) a th' ann sa Ghàidhlig ! Agus tha 'gerrach' ann, 's e sin boireannach. Air mo thaobhsa den teaghlach 's e 'mannachy' a th' ann - faclan neònach, nach e? Sa Ghàidhlig 's e 'kir' a th' aca air taigh - tha sinne dìreach ga ràdh an aon dòigh. Tha sinn ag èigheachd 'the country folk' air daoine mar sibhse, daoine an àite. Chan eil mise ro mhath le faclan.

Dè mu dheidhinn saobh-chràbhadh?

Seadh, bha mo mhàthair gu math saobh-chràbhach. Can oidhche H-aoine ma bha m' athair aig an taigh-seinnse cha chìreadh i a falt no cail mar sin - bhiodh sin mì-shealbhach. Agus, can, sa mhadainn ma bha m' athair 's mo mhàthair air a bhith a' trod beagan agus gun tuirt iad cuid de na h-ainmean, uill, siud e! Shuidheadh iad an sin fad an latha. Chanadh iad 's dòcha an t-ainm seo - cha chan mi an t-ainm air eagal 's gun tachair rudeigin - no fiù 's cuid bheathaichean, nan canadh iad ainmean cuid bheathaichean - am bradan no an nathair ('s e fìor dhroch shealbh a bh' ann an nathair!) - ma dh' ainmich iad nathair, shaoileadh tu gun tachradh rudeigin riutha nan deidheadh iad a-mach, air neo gun tigeadh droch fhortan cho dona orra 's gun togadh am poileas iad no rudeigin.

Am bi luchd-taisteil fhathast a' losgadh a' charabhain nuair a bhàsaicheas an duine aig an robh e?

Tha, ann an Alba tha iad fhathast ga dhèanamh. Tha mòran den luchd-taisteil an-diugh nach loisg iad ach a chuireas suas don inneal-bhruthaidh iad. Tha fios agad fhèin an-diugh 's tu losgadh rudan, gheibh thu do mhì-shealbh air a shon! Bha iad gan losgadh air neo - an-diugh tha iad gan cur don inneal-bhruthaidh. An aon rud le càraichean.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeulachd Taistealaiche - Cànain is Saobh-chràbhadh

2000an

luchd-siubhail; dòighean-beatha; luchd-tathaich; taistealaich; saobh-chràbhadh

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

A Traveller's Tale