Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Slighe-rèile Ghleann Fhionghain
EXTERNAL ID
GLEN_POSTCARD_TEMP
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
Neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
11722
KEYWORDS
drochaidean
slighe-rèile
rèile
trèanaichean
fiolman
innleadaireachd
glinn
Glenfinnan Viaduct

Thogadh Rèile Leudachaidh Taobh an Iar na Gàidhealtachd eadar An Gearasdan agus Malaig le Sir Raibeart MacAlpain. Dh'fhosgail i ann an 1901. 'S e Slighe-rèile Ghleann Fhionghain fear dhe na structaran as motha air an loidhne. Chaidh an slighe-rèile a thogail eadar 1897 agus 1901. Tha còrr is 1200 troigh a dh'fhaid innte le 21 stuagh. Tha còrr is 100 troigh san stuagh as àirde. Ged nach toir thu an aire dha san dealbh seo air a' chiad sealladh, tha lùb cuideachd san t-slighe-rèile.

Chaidh fiolmadh a dhèanamh air an t-slighe-rèile airson Harry Potter and the Chamber of Secrets agus Harry Potter and the Prisoner of Azkaban ann an 2001 agus 2003. Chaidh an t-slighe-rèile a chleachdadh chuideachd ann am fiolmadh Charlotte Gray san robh Cate Blanchett

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Slighe-rèile Ghleann Fhionghain

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

Neo-aithnichte

drochaidean; slighe-rèile; rèile; trèanaichean; fiolman; innleadaireachd; glinn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Thogadh Rèile Leudachaidh Taobh an Iar na Gàidhealtachd eadar An Gearasdan agus Malaig le Sir Raibeart MacAlpain. Dh'fhosgail i ann an 1901. 'S e Slighe-rèile Ghleann Fhionghain fear dhe na structaran as motha air an loidhne. Chaidh an slighe-rèile a thogail eadar 1897 agus 1901. Tha còrr is 1200 troigh a dh'fhaid innte le 21 stuagh. Tha còrr is 100 troigh san stuagh as àirde. Ged nach toir thu an aire dha san dealbh seo air a' chiad sealladh, tha lùb cuideachd san t-slighe-rèile.<br /> <br /> Chaidh fiolmadh a dhèanamh air an t-slighe-rèile airson Harry Potter and the Chamber of Secrets agus Harry Potter and the Prisoner of Azkaban ann an 2001 agus 2003. Chaidh an t-slighe-rèile a chleachdadh chuideachd ann am fiolmadh Charlotte Gray san robh Cate Blanchett