Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad na h-Eaglaise, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD00022_AT
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
11744
KEYWORDS
Eaglais na h-Alba
Caol Loch Aillse
eaglais
Port an t-Sròim
Church Rd., Kyle of Lochalsh

Chaidh Eaglais na h-Alba, san dealbh seo air mullach an leothaid air Rathad na Eaglaise ann an Caol Loch Aillse, a thogail mar Eaglaise Misean agus chaidh a fosgladh gu foirmeil air 25 An t-Iuchar 1901. B' e leudachadh an rèile às A'Chaol gu Port an t-Sròim a dh'adhbhraich gun deach a togail, oir bha muinntir an àite a' faicinn gum biodh àrdachadh ann an àireamh-sluaigh a' bhaile a chruthaicheadh ceann-uidhe rèile. Tha cunntas Pàipear-naidheachd aig an àm a' toirt tuarisgeul air an eaglais mar 'severely Gothic design, seated for 180 worshippers, faultless and extremely tasteful in every respect'. Bha ministear Paraiste Loch Aillse an urra ri Adhradh, ach bha e air a chuideachadh le sreath de mhiseanaraidhean gu 1939, agus an àite mansa a thogail sa chiad dol a-mach, bha am miseanaraidh a' gabhail taigh air mhàl sa bhaile gus an deach Taigh Misean a thogail ann an 19228. Air ainmeachadh 'Ardrae', tha e suidhichte air taobh eile an rathaid bhon eaglais, agus bha e air a chleachdadh mar mhansa gu 1956 gus an deach taigh air a bheil 'New Lebanon' a cheannach airson an adhbhar seo. Chaidh am bheastraidh a chur ri taobh dheas na h-eaglaise ann an 1915 aig cosgais dà cheud seasgad 's a sia niotaichean, ochd-deug tastan agus sgillinn.

'S e 'Kingille' a th' air an taigh a tha air taobh chlì na h-eaglaise agus chaidh a thogail dha Mgr MacRath, aon de thriùir bhràithrean a thog taighean san sgìre. Bha Donnchadh Mac a' Phearsain, Cungaidhear A' Chaoil, a thog an dealbh seo cuideachd a' fuireach air Rathad na h-Eaglaise air an làimh dheis faisg air mullach a' chnuic. Tha an Eaglais Shaor Chlèireach suidhichte air an làimh dheis air cùlaibh nan craobh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad na h-Eaglaise, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

2000an

Eaglais na h-Alba; Caol Loch Aillse; eaglais; Port an t-Sròim

Am Baile

Chaidh Eaglais na h-Alba, san dealbh seo air mullach an leothaid air Rathad na Eaglaise ann an Caol Loch Aillse, a thogail mar Eaglaise Misean agus chaidh a fosgladh gu foirmeil air 25 An t-Iuchar 1901. B' e leudachadh an rèile às A'Chaol gu Port an t-Sròim a dh'adhbhraich gun deach a togail, oir bha muinntir an àite a' faicinn gum biodh àrdachadh ann an àireamh-sluaigh a' bhaile a chruthaicheadh ceann-uidhe rèile. Tha cunntas Pàipear-naidheachd aig an àm a' toirt tuarisgeul air an eaglais mar 'severely Gothic design, seated for 180 worshippers, faultless and extremely tasteful in every respect'. Bha ministear Paraiste Loch Aillse an urra ri Adhradh, ach bha e air a chuideachadh le sreath de mhiseanaraidhean gu 1939, agus an àite mansa a thogail sa chiad dol a-mach, bha am miseanaraidh a' gabhail taigh air mhàl sa bhaile gus an deach Taigh Misean a thogail ann an 19228. Air ainmeachadh 'Ardrae', tha e suidhichte air taobh eile an rathaid bhon eaglais, agus bha e air a chleachdadh mar mhansa gu 1956 gus an deach taigh air a bheil 'New Lebanon' a cheannach airson an adhbhar seo. Chaidh am bheastraidh a chur ri taobh dheas na h-eaglaise ann an 1915 aig cosgais dà cheud seasgad 's a sia niotaichean, ochd-deug tastan agus sgillinn.<br /> <br /> 'S e 'Kingille' a th' air an taigh a tha air taobh chlì na h-eaglaise agus chaidh a thogail dha Mgr MacRath, aon de thriùir bhràithrean a thog taighean san sgìre. Bha Donnchadh Mac a' Phearsain, Cungaidhear A' Chaoil, a thog an dealbh seo cuideachd a' fuireach air Rathad na h-Eaglaise air an làimh dheis faisg air mullach a' chnuic. Tha an Eaglais Shaor Chlèireach suidhichte air an làimh dheis air cùlaibh nan craobh