- TIOTAL
- Eaglais na h-Alba, Caol Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- HCD00165
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1920an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11894
- KEYWORDS
- Eaglais na h-Alba
Caol Loch Aillse
Rathad na h-Eaglaise
A' Chiad Chogadh
An Cogadh Mòr

Tha Eaglais na h-Alba a' bhaile air a' chnoc aig lùb Rathad na h-Eaglaise, le Talla an Drile ri fhaicinn air a' chùlaibh. Mar a bha Caol Loch Aillse a' fàs an dèidh dhan rèile a thighinn ann ann an 1897, bha beachd ann gu robh feum air eaglais, is chaidh an eaglais fhosgladh air Diardaoin 25mh Iuchar 1901, is chaidh a' bheastraidh (air an taobh dheas) a chur rithe ann an 1915. 'S dòcha gur e Iain MacDhonnchaidh à Inbhir Nis a dhealbh an eaglais. Chaidh Talla an Drile a thogail dhan Arm Thìreil ann an 1912. Bha Bataraidh Beinne Shiorrachd Rois stèidhichte ann airson greis, is bha an Sgoil Shàbaid ann cuideachd. Bha e air a chleachdadh mar àite-fois shaighdearan an dèidh an t- l7mh linn, is mar àite-bìdh anns a' Chiad Chogadh
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives