Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
MV 'Lochmor' is MV 'Lochearn'
EXTERNAL ID
HCD00231
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
1931
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
11958
KEYWORDS
M.V. Lochmor
M.V. Lochearn
Mac a' Bhruthainn
Caiptein MacDhonnchaidh
bàtaichean-smùid
MV 'Lochmor' and MV 'Lochearn'

Bha an dà shoitheach coltach 'Lochmor' is 'Lochearn', a bha 542 tunna, air an togail do chompanaidh Mhic a' Bhruthainn ann an 1930 airson seirbheisean ann an Innse Gall. Bha an MV 'Lochmor' a' siubhal air taobh siar an Eilein Sgitheanaich, a' tighinn à Malaig is a' dol gu ruig na Hearadh is Uibhist. Bha e cuideachd air a chleachdadh airson seòlaidhean luchd-turais eadar Malaig is Loch Sgabhaig san Eilean Sgitheanach, airson luchd-turais a bha a' dol gu Loch Coir' Uisge. Mar bu trice bha an MV 'Lochearn' air a chleachdadh a' toirt posta gu Tobar Mhoire, Colla, Tiriodh, Barraigh agus Uibhist a Deas gu ruig 1955. Cha robh a h-uile duine dèidheil air na soithichean ùra le an luibhearan cho beag is croinn a bha cha mhòr dìreach. Ach bha iad fada na bu chofhurtail na bha na soithichean eile a bh' air an t-slighe romhpa.

Tha suidheachadh annasach ri fhaicinn san dealbh seo agus an dà shoitheach ri taobh a chèile faisg air Caol Àcain. Tha e coltach gun do bhris iad sìos agus chaidh iarraidh air an t-seann 'Glencoe' an cuideachadh. Bha Donnchadh Mac a' Phearsain, an dealbhadair, gu math eòlach air sgiobair an 'Lochmor', Caiptean MacDhonnchaidh. B' e Caiptean MacDhonnchaidh fear de na h-oifigearan a b' ainmeile aig Mac a' Bhruthainn, is bha daoine a' toirt 'Squeaky' air oir bha guth àrd Gàidhealach aige

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

MV 'Lochmor' is MV 'Lochearn'

INBHIR NIS: An Srath

1930an

M.V. Lochmor; M.V. Lochearn; Mac a' Bhruthainn; Caiptein MacDhonnchaidh; bàtaichean-smùid

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)