Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-tadhail aig Oisean a' Chungadair, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD00237
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
11963
KEYWORDS
teaghlach
bùth-chungaidhean
Oisean a' Chungadair
Caol Loch Aillse
Visitors at the Chemist's Corner, Kyle of Lochalsh

Dh'fhosgail Donnachadh Mac a' Phearsain a' bhùth-chungaidhean aige, ri fhaicinn an seo ris a' chùl, nuair a ghluais e do Chaol Loch Aillse ann an 1912. Bha I suidhichte aig crois-rathaid na Prìomh Shràid agus Rathad an Stèisein, far an robh gu leòr luchd-tadhail air ais 's air adhart bhon stèisean 's an lamraig far an robh am bàt'-aiseig a' dol don Eilean Sgitheanach. A bharrachd air na rudan àbhaisteach aig bùth-chungaidhean, 's a chionn 's gu robh e na fhear-togail-dhealbh, chum Mac a' Phearsain caochladh ghoireasan-togail-dhealbhan. Bha a' bhùth cuideachd mar ionad turasachd oir bha Mac a' Phearsain a' reic mhapaichean, cuimhneachain agus an leabhar-iùil ainmeil aige anns an robh a h-uile seòrsa fiosrachaidh a bhiodh feumail do neach-siubhail. Chan eil fios cò th' anns an teaghlach anns an dealbh ach bha iad nan càirdean no nan caraidean do theaghlach Mhic a' Phearsain

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-tadhail aig Oisean a' Chungadair, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930an; 1940an

teaghlach; bùth-chungaidhean; Oisean a' Chungadair; Caol Loch Aillse

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)