- TIOTAL
- A' luchdachadh Bàt'-aiseig an Eilein Sgitheanaich.
- EXTERNAL ID
- HCD00238
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11964
- KEYWORDS
- bàt'-aiseig
lamraig
carbad
An t-Eilean Sgitheanach
Caol Loch Aillse
taigh-òsta

Tro na linntean tha Caol Loch Aillse air a bhith na àite far am faighear thairis air a' chaolas gu Caol Acain air an Eilean Sgitheanach, ach bha barrachd iarraidh air carbadan a bhith air an giùlan cho math ri luchd-siubhail 's bathar mar a dh' fhàs na rathaidean na b' fheàrr beag air bheag 's mar a dh' fhàs draibhearan na bu dhàine. Chithear bàta anns an dealbh le clàr-tionndaidh 's rampaichean a bha nan leasachadh mòr air an dà phìos fiodha thairis air eathar a chaidh a chleachdadh ron àm seo. Chan urrainn am bat'-aiseig seo, a tha a' tighinn don chidhe anns a' Chaol, ach aon chàr a ghiùlan aig aon àm fhathast ge-tà. Chaidh na diofar bhàtaichean-aiseig air an t-slighe seo a dhèanamh na bu mhotha 's an leasachadh beag air bheag, ach bha mòran bhliadhnaichean air a dhol seachad mus gabhadh barrachd air dà chàr a ghiùlan aig an aon àm a bha na adhbhar airson moran shreathan de chàraichean tron Chaol. Tha beanntan an Eilein Sgitheanaich air an còmhdach le sneachd ris a' chùl
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives