- TIOTAL
- A' chiad itealan aig Caol Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- HCD00248
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11973
- KEYWORDS
- itealan
Dùghlas Hamilton
Jack MacLeòid
bàta itealaich
turas-adhar
itealain
bàt'-adhair

Anns an leabhar 'Gateway to Skye', tha Donnchadh Mac a' Phearsain, a thog an dealbh seo, a' toirt iomradh air an aon turas-adhair le luchd-siubhail à Caol Loch Aillse. Thàinig dithis a bha dèidheil air itealain, am Morair Calum Dùghlas Hamilton is Mgr Iain MacLeòid à Sgeabost san Eilean Sgitheanach, air bàta itealaich, 'Cloud of Iona', is leag iad an t-acair anns a' bhàgh anns A' Chaol. Chaidh deichnear, le Donnchadh Mac a' Phearsain nam measg, air bòrd is chaidh an toirt airson turas-adhair goirid ach tlachdmhor.
Tha sinn taingeil dha Roy Tait airson an fhiosrachaidh a leanas:
B' e am Morair Calum Dùghlas Hamaltan a' phrìomh phaidhleat air a' chiad turas-adhair thar Beinn Eabhaireist ann an 1933. Dh'fhaodadh gun deach an dealbh seo a thogail a' bhliadhna roimhe sin, ann an 1932. Sgrìobh Roger Hutchinson ann an "The Isle of Skye Highland Games - History of the Skye Games" "In 1932 a never-to-be-forgotten feature was enjoyed by the Skye Games , and yet another harbinger of 20th century change. The seaplane Cloud of Iona, the property of British Flying Boats Ltd, piloted by Lord Malcolm Douglas-Hamilton, landed in the bay. All day long, at regular intervals she took off with eight passengers at a time, either for a few minutes' flying experience around the bay, or for longer trips to Kyle, Stornoway, and even St Kilda. Throughout the day of the Games long queues formed at the pier of people waiting to be taken by motor boat out to the seaplane and to that extraordinary joyride."
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives