Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac-uaghach Fearchar MacMhathain, Cladh a' Chlachan Aillseach
EXTERNAL ID
HCD00335_AT
ÀITE
An Clachan Aillseach
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
12060
KEYWORDS
leac-uaghach
carragh-cuimhne
Fearchar MacMhathain
dotair
Gàidheal
An Dòrnaidh
Gravestone of Farquhar Matheson, Kirkton Churchyard, Lochalsh

Rugadh Fearchar MacMhathain anns An Dòrnaidh air a' 15mh den Chèitean 1840 gu Fearchar a bha na òstair agus na Sgrùdaire nam Bochd, agus Iseabail NicMhathain. Ann an cunntas-sluaigh 1851 chithear gun robh an teaghlach a' fuireach aig 8 Sràid Francis, An Dòrnaidh, le Fearchar, an ceathramh duine-cloinne a-mach à sianar, agus fhathast anns an sgoil. Dh'fhàs e gu bhith air fear de na h-Albannaich a b' ainmeile agus a bu mhotha buaidh ann an Lunnain anmoch anns na 1890an agus rugadh e anns a' bhaile bheag seo anns a' Ghàidhealtachd. Chùm MacMhathain a' dol leis an fhoghlam aig Oilthighean Obar Dheathain agus Ghlaschu agus cheumnaich e ann an leigheas mus do ghluais e a Lunnain far an robh eòlas sònraichte aige ann an galairean na cluaise, na sròine agus na h-amhaich agus fhuair e mòr-chliù ann. B' esan Ceannard Comann Gàidhlig Lunnain ann an 1896, bha e na Bhreitheamh Sìthe airson Siorrachd Lunnain agus na Charaid aig iomadach comann saidheansail. Bha e pòsta le triùir chloinne, dithis nighean agus gille air an robh Fearchar cuideachd. Ged a chaochail e ann an Lunnain air 23mh den Lùnastal 1905, chaidh MacMhathain a thiodhlacadh anns a' chladh sa Chlachan Aillseach faisg air Baile MacAra agus chaidh an leac-uaghach seo a chur suas mar chuimhneachan air le caraidean Gàidhealach agus daoine aig an robh meas air. Tha an sgrìobhadh air ag ràdh: " He was a devoted friend of the Highland people and took a warm and generous interest in the language, music and literature of the Gael" leis an aon rud cha mhòr anns a' Ghàidhlig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac-uaghach Fearchar MacMhathain, Cladh a' Chlachan Aillseach

ROS: Loch Aillse

2000an

leac-uaghach; carragh-cuimhne; Fearchar MacMhathain; dotair; Gàidheal; An Dòrnaidh