- TIOTAL
- Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- HCD00378
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1920an; 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12095
- KEYWORDS
- loch
Nèibhi
Loch Aillse
Caol Loch Aillse
cogadh
Port Napier

B' e campa muireil cudromach anns an dà chogadh mhòr a bh' ann an Caol Loch Aillse. Goirid an dèidh dhan dara cogadh tòiseachadh san t-Sultain 1939, chaidh Loch Aillse a ghabhail thairis mar acarsaid mhuireil shàbhailte, leis an dol a-steach gu deas dùinte aig Caol Reatha is dìon air an taobh tuath. Anns an leabhar 'Lure of the West', tha Donnchadh Mac a' Phearsain a' toirt iomradh air a' bhuaidh a bh' aig an nèibhi a' tighinn dhan sgìre air Caol Loch Aillse, le gunnaichean air mullaich nan cnuic, soithichean mòra faisg air a' chladach is campa muireil sa bhaile.
Dh'fhàs muinntir a' bhaile cleachdte ri rabhaidhean mu ionnsaighean adhar is an luchd-faire stèidhichte aig a' Phloc, ach bha uabhas orra air Diciadain 27 Sultain 1940 nuair a dh'idir iad gun robh am 'Port Napier', a bh'anns an loch le 500 mèinn air bòrd, air dhol na theine. Chaidh na bàtaichean-luatha 'Lochness' is 'Lochnevis', a bh'anns an acarsaid aig an àm, a-mach cho luath 's a ghabhas, chaidh stad a chuir air an trèana a bha a' tighinn a-steach aig Port an t-Sròim, is chaidh am bàta fhèin a thrèigsinn. Bhlosg am bàta an là sin, is bha e na theine fad na h-oidhche, mus deach e gu bonn an loch, far am bheil a fhathast
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives