Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
SS 'Lochgarry' faisg air Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD00428
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12140
KEYWORDS
soitheach
S.S. Lochgarry
SS 'Lochgarry' near Kyle

Thug companaidh Mhic a' Bhruthainn an SS 'Lochgarry' a-steach dhan chabhlach aca ann an 1937, nuair a bha an 'Lairdstock' oirre. Chaidh a togail ann an 1898 mar an 'Vulture'. Bha i air a deagh leasachadh, le solas dealain, bùrn fuar agus teth anns na 48 seòmraichean, seòmar-bìdh a ghabhadh 100 duine agus clàran grèine is fasgaidh. Mar a bha a' bhileag shanasachd ag ràdh, 'The Lochgarry is a proud ship'.

Bha an SS 'Lochgarry' air a chleachdadh air seirbheis luchd-siubhail eadar Glaschu is taobh siar na Gaidhealtachd suas dhan Dara Cogadh nuair a chaidh a toirt a-steach gu seirbheis cogaidh ann an 1940 agus bha i an sàs aig Dunkirk. Chaidh an 'Lochgarry' ris na creagan air Eilean Reachraidh ann an droch aimsir is chaidh i fodha. Chaill 23 duine am beatha

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

SS 'Lochgarry' faisg air Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930an

soitheach; S.S. Lochgarry

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)