Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-Òsta Armachd an Rìgh agus an cladach, Caol Acain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD00456
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12164
KEYWORDS
baile beag
taigh-òsta
cladach
cuimhneachan-cogaidh
Caisteal Maoil
loch
King's Arms Hotel and the shore, Kyleakin, Isle of Skye

'S e àite aithnichte a bh' anns a' chuid seo ann an Caol Acain mar a chithear anns an dealbh fharsaing seo mus deach pàirc chàraichean a thogail na àite nuair a dh'fhàs an trafaig a bha a' cleachdadh a' bhàt'-aiseig gu tir-mòr. Bha Taigh-Òsta Armachd an Rìgh air an làimh dheis anns an dealbh seo bho thùs a' toirt a-steach Taigh-Òsta Chaol Acain air a thogail le J. Gilleasbaig Greumach timcheall air 1812-20 agus loidse-seilg. Chaidh an loidse-seilg atharrachadh timcheall air 1898 gu bhith na thaigh-òsta agus chaidh na dhà dhiubh a chur ri chèile ann an 1900 gus taigh-òsta Armachd an Rìgh a stèidheachadh. B' ann le Mgr agus a Bh-Uas. Dòmhnall MacAonghais a bha e aig an àm agus b' e an aon àite anns a' bhaile far an robh e ceadaichte deoch làidir a cheannach gus an do thòisich an Dara Cogadh. Tha Tòmas Carlyle, an rannsachair Stanley agus fear-stiùiridh a' Mhorair Eanraig MacChoille am measg nan daoine ainmeil a tha air fuireach ann. B' ann le Dòmhnall Skinner a bha e na b' fhaide air adhart agus tha cuimhne air oir b' esan a' chiad duine a stèidhich cuairtean gu diofar àitichean anns an Eilean Sgitheanach. Tha an cuimhneachan-cogaidh, a chaidh a thogail ann an 1921, agus Caisteal Maol chun na làimh dheis, ri fhaicinn air cùlaibh na tha air fhàgail den chidhe fhiodh le beanntan Chinn Tàile nas fhaide air falbh. Tha Caol Loch Aillse air an làimh chlì thar Loch Aillse

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-Òsta Armachd an Rìgh agus an cladach, Caol Acain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an

baile beag; taigh-òsta ; cladach; cuimhneachan-cogaidh; Caisteal Maoil; loch

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)