- TIOTAL
- Gleann Eilg, Cuimhneachan-cogaidh
- EXTERNAL ID
- HCD00500
- ÀITE
- Gleann Eilg
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Gleann Eilg
- LINN
- 1920an; 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12207
- KEYWORDS
- cuimhneachain-cogaidh
muir
beanntan
daoine
zoomable
deilbh leudachail
Chaidh an cuimhneachan seo, a tha deas air baile Ghleann Eilg, air cladach Bàgh Ghleann Eilg agus An t-Eilean Sgitheanach ris a' chùl, a chur air bhonn le Bean Uasal Scott, a b'àbhaist a bhith ann an Eilean Riabhach. Chaidh a choisrigeadh air an 23mh dhen Dàmhair 1920, is chaidh fhosgladh le Sir Harmood Banner, Ball-pàrlamaid na sgìre, is a' Bhean Uasal Banner.
Tha trì ìomhaighean air an snaigheadh ann an umha air a' charragh-cuimhne - aingeal a' riochdachadh Buaidh, saighdear a' riochdachadh Fois agus boireannach a' riochdachadh Daonnachd. Am measg chomharraidhean eile ann tha druma air tilgeil air falbh, crùn agus calman. Chaidh a' chlach a shnaigheadh le Louis Reid Deuchars (1870 - 1917) a bha ag obair aig an ailtire Sir Raibeart Stodart Lorimer (1864 - 1929). Am measg nam 20 ainmean air an liostadh air a' charragh tha an t-ainm den Mhàidsear Valentine Fleming, athair aig Ian Fleming, an t-ùghdar agus am fear a chruthaich James Bond.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives