Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Bàta-motair "Ina"
EXTERNAL ID
HCD00600
ÀITE
Loch Sgàbhaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12303
KEYWORDS
loch
Loch Sgàbhaig
Loch Coruisg
bàta-motoir
An Cuiltheann
The Motor Launch "Ina"

Na dhealbhadh, tha an "Ina" coltach ris a' bhàta-motair a bha air a chleachdadh mar aiseag eadar Caol Loch Aillse agus Gleann Eilg, mar a chithear ann an dealbhan eile a thog Donnchadh Mac a' Phearsain. Dh'fhaoidhte, ge-tà, gun deach am bàta seo a chleachdadh gus luchd-turais a thoirt bho Ealaghol tarsaing air Loch Sgàbhaig a-steach do chridhe a' Chuilthinn, gu Loch Coruisg. Is dòcha gun deach an dealbh seo a thogail as dèidh do Mhac a' Phearsain agus an luchd-siubhail eile a thighinn gu tìr faisg air an oir cloiche, caithte le eighre, a tha a' sgaradh Coruisg bhon mhuir. Tha an loch seo, a tha air a chuairteachadh le beanntan a' Chuilthinn, "dorcha, domhainn agus gruamach" a rèir Mhic a' Phearsain agus chan eil iad ach cuairt ghoirid air falbh. A dh'aindeoin a' mheas a bh' aig Mac a' Phearsain air an t-sealladh, tha aire air a thoirt bhuaithe le neach-turais eile à Lunnainn a tha an dùil gun till am bàta dìreach air an uair, rud a tha Mac a' Phearsain a' meas èibhinn. Tha Mac a' Phearsain gu math eòlach air pongalachd muinntir an àite agus chan eil e na iongnadh dha nuair a thilleas am bàta còrr is uair a thìde gu leth air deireadh agus an Lunnainneach na bhoil! B' e freagairt choma fear a' bhàta "gu dearbha fhèin, agus is iomadh duine a bhiodh air a dhòigh glan cothrom a bhith aige uair no dhà a bharrachd a chur seachad an seo!"

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Bàta-motair "Ina"

INBHIR NIS: An Srath

1930an

loch; Loch Sgàbhaig; Loch Coruisg; bàta-motoir; An Cuiltheann

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)