- TIOTAL
- Staran a' chladaich eadar An Caol is Baile Mac Ara
- EXTERNAL ID
- HCD00602
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12305
- KEYWORDS
- lochan
starain
cladaichean
B' e tabhartair fialaidh a bh'ann an Sir Daniel Hamilton, aig an robh oighreachd Bhaile Mac Ara is A' Phluic o na 1920an gu na 1940an. A bharrachd air fearann a thoirt seachad airson an raon-goilf is airgead airson goireasan mar an Talla Phoblach, dh'fhosgail e an tuath le bhith a' toirt leasachadh air seann rathaidean-cnuic is a' togail iomadh mìle de fhrith-rathaidean is starain, mar am fear seo. Bha na slighean seo a' dol gu àiteachan àlainn is àiteachan-seallaidh àrda far an robh e comasach do dhaoine tlachd a ghabhail anns an t-sealladh, is dh'fhaodadh duine sam bith an cleachdadh. 'S ann air an staran air cladach Loch Aillse eadar Caol Loch Aillse is Baile Mac Ara a tha an rathad dhan Chaol an-diugh stèidhichte. An dèidh do Shir Daniel caochladh, chaidh an oighreachd gu a bhean is, nuair a chaochail ise ann an 1946, chaidh taigh is oighreachd Bhaile Mac Ara fhàgail mar dhìleab aig Urras Nàiseanta na h-Alba
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives