- TIOTAL
- Rathad Chaol Reatha, Bàt'-aiseig Ghleann Eilg
- EXTERNAL ID
- HCD00619
- ÀITE
- Gleann Eilg
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Gleann Eilg
- LINN
- 1920an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12324
- KEYWORDS
- Gleann Eilg
Caol Reatha
baile beag
rathad

'S e baile beag air cladaichean Bàgh Ghleann Eilg a th' ann an Gleann Eilg le seallaidhean a-null don Eilean Sgitheanach. Tha a' mhuir air trì taobhan - Loch Dubhthaich, An Linne Shlèite agus Loch Shuirn agus chan eil ach aon rathad a-steach thar Màm Ràtagan à Gleann Seile. B' ann leis an ainm Baile na Cille a bha daoine eòlach air suas chun an 18mh linn agus dh'fhàs am baile beag mun cuairt eaglais parraist agus leasaich e leis an airm a' tighinn a-steach agus iad a' togail Taigh-Feachd Bheàrnaraigh ann an 1717. Tha am baile ainmeil mar làraich dà dhùn às an Linn Iarainn a tha ann an deagh staid agus aig aon àm b' e am prìomh àite far am b' àbhaist do chrodh a bhith air an dròbhadh thar a' Chaolais bhon Eilean Sgitheanach don tìr-mhòr. Tha bàt'-aiseig beag fhathast a' dol air ais agus air adhart ann am miosan an t-samhraidh. Tha Donnchadh Mac a' Phearsain a' toirt cunntas air iomadh turas a ghabh e don bhaile bheag far an do rugadh athair anns na leabhraichean aige
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives