Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe Fiodha, Caol Acain
EXTERNAL ID
HCD00628
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12334
KEYWORDS
cidhe
taigh-òsta
baile beag
taigh-solais
Eilean Bàn
Wooden Pier, Kyleakin

'S cinnteach gun robh an cidhe mòr fiodh seo a tha a' dol sìos chun a' chladaich agus a-steach don mhuir aon ann an sreath chidhean mòra air an togail bho na 1880an air taobh siar Alba gus cumail suas ris an leudachadh ann an trafaig nam bàtaichean-smùide. Chaidh an cidhe seo a thogail gus am b' urrainn am P.S. Glencoe stad aig Caol Acain air an rathad air ais agus air adhart à Caol Loch Aillse, Port Rìgh agus Geàrrloch. Ach, cha robh e gu feum nuair a bha an làn a-muigh agus beag air bheag chrìon e gus an deach a thoirt air falbh uile gu lèir anmoch anns na 1920an. Chithear taigh-òsta Armachd an Rìgh fada chun na làimh chlì anns an dealbh le Taigh a' Chaoil anns na craobhan. Chaidh Taigh a' Chaoil a thogail ann an 1798 ann an dreach taigh fear-tac anns an Eilean Sgitheanach. Tha an taigh-solais air an rubha a' stobadh a-mach do Chaol Acain na sheasamh airr ceann cabhsair a tha a' tighinn bho na bothain aig na fir-gleidhidh air Eilean Bàn, a bha aig Gavin Maxwell anns na 1960an agus a-nis fo sgàile Drochaid an Eilein Sgitheanaich. Chaidh an taigh-solais a thogail leis an dithis ainmeil, D. agus T. Stevenson agus bha e ag obair eadar 1857 agus 1960

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe Fiodha, Caol Acain

INBHIR NIS: An Srath

1920an

cidhe; taigh-òsta ; baile beag; taigh-solais; Eilean Bàn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)