Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Armachd an Rìgh, Caol Acain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD00634
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12340
KEYWORDS
taigh-òsta
baile beag
Caol Acain
King's Arms Hotel, Kyleakin, Isle of Skye

Bha Taigh-òsta Armachd an Rìgh bho thùs a' toirt a-steach taigh-òsta Chaol Acain a chaidh a thogail le J. Gilleasbaig Greumach timcheall air 1812-20 agus loidse-seilg. Chaidh an loidse-seilg atharrachadh timcheall air 1898 gu bhith na thaigh-òsta agus chaidh na dhà dhiubh a chur ri chèile ann an 1900 gus taigh-òsta Armachd an Rìgh a stèidheachadh. B' ann le Mgr Dòmhnall MacAonghais agus a bhean a bha e aig an àm agus b' e an aon àite anns a' bhaile far an robh e ceadaichte deoch làidir a cheannach suas gus an do thòisich an Dara Cogadh. Tha Tòmas Carlyle, H. M. Stanley an rannsachair agus am fear-stiùiridh agus an Ridire Eanraig MacChoille am measg nan daoine ainmeil a tha air fuireach ann.

Mus robh fòn ann eadar tir-mòr agus An t-Eilean Sgitheanach, b' ann le Dòmhnall Skinner a bha an taigh-òsta . Tha cuimhne air oir b' esan a' chiad dhuine a stèidhich tursan-coidse gu diofar àitichean anns an Eilean Sgitheanach agus gus am biodh fios aige cia mheud neach-turais aig am biodh feum air suidheachan anns a' bhus aige, rinn e suas innleachd a' cleachdadh bòrd-dubh ann an Caol Loch Aillse air an sgrìobhadh caraid cia mheud neach-siubhail a bh' ann. Bhiodh Mgr Skinner a' cleachdadh prosbaig bho aghaidh an taigh-òsta aige gus am bòrd fhaicinn agus gus am b' urrainn dha an àireamh cheart de shuidheachain a chur air leth

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Armachd an Rìgh, Caol Acain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an; 1930an

taigh-òsta ; baile beag; Caol Acain

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)