- TIOTAL
- Arnasdal, Gleann Eilg
- EXTERNAL ID
- HCD00640
- ÀITE
- Arnasdal
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Gleann Eilg
- DEIT
- 26 An Gearran 1931
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12349
- KEYWORDS
- baile
Loch Shùirn
cladach
cnuic

Tha Arnasdal, a th'anns a' bhàgh bheag air a bheil Camus Bàn, a' coimhead thar Loch Shùirn gu beanntean Chnòideirt. Tha am baile faisg air ceann rathad cumhang, lùbach o Ghleann Eilg, seachad air Sanndaig (far an robh Gavin Maxwell a' fuireach uaireigin) is a' crìochnachadh aig Corran, beagan mhìltean ro Cheann Loch Shùirn, far nach eil duine a' fuireach an-diugh. Bidh mòran dhaoine a' falbh à Arnasdal airson a dhol gu Ceann Loch Shùirn ann am bàta is gu mullach Beinn Ladhar ann an Cnòideart, a tha ag èirigh gu 1,020m, agus far am faicear seallaidhean iongantach a-null dhan Eilean Sgitheanach, An Cuiltheann is eileanan Rùm is Eige. Chaidh an dealbh seo, a chaidh a thogail air 26 Gearran 1931, a chleachdadh ann an leabhar Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain, "Lure of the West"
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives