Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port an t-Sròim is Loch Carrann
EXTERNAL ID
HCD00643
ÀITE
Port an t-Sròim
SGÌRE
Taobh an Iat Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12353
KEYWORDS
Port an t-Sròim
Loch Carrann
loch
taigh-òsta
baile
Strome Ferry and Loch Carron

Tha Port an t-Sròim aig a' phàirt as cumhainge de Loch Carrann, le Caisteal an t-Sròim air an taobh eile. Dh'fhàs a' chiad bhaile gu cabhagach nuair a chaidh an rèile eadar Inbhir Nis is Inbhir Pheofharan a thogail ann an 1870. Bha e a' tighinn gu crìch aig Port an t-Sròim. Bha tòrr gnìomhachais ann, le bàtaichean-smùide a' toirt dhaoine gu Port Rìgh, san Eilean Sgitheanach, is gu Steòrnabhagh, ann an Leòdhas, a' cleachdadh a' chidhe. Bha bàtaichean a' giulan mheilichean, iasg is crodh ann cuideachd.

Bha aimhreit ann nuair a chaidh an cidhe a chleachdadh air Là na Sàbaid san Ògmhios 1883. Chuir buill den Eaglais Shaoir, a bha an aghaidh obair sam bith air an t-Sàbaid, stad air luchd-obrach an rèile a bha a' feuchainn ri bogsaichean èisg a thoirt far dà bhàta-smùide aig a' chidhe gu trèana a bha a' dol a Lunnainn. Chaidh aig timcheall air 150 duine air stad a chur orra gus an robh e an dèidh meadhan-oidhche air an t-Sàbaid, ach bha 10 dhiubh sa phrìosan beagan mhìosan mar thoradh air seo. An dèidh dhan rèile a bhith air a leudachadh gu Caol Loch Aillse ann an 1897, bha mòran a' dol tron Chaol, ged a lean an aiseag a bha trang gu math tric thar a' chaolais gu 1970, nuair a chaidh an rathad air taobh deas an loch fhosgladh.

Chithear bean an dealbhadair, Mairead, an nighean aige, Màiri, is a mhac, Niall, a' coiseachd seachad air stèisean an rèile, air an taobh chlì, le seann taigh mhaighstir an stèisein air an taobh dheas. B' e taigh-òsta a bh'anns an togalach mhòr ri cùl na deilbh, Loidse Phort an t-Sròim, gus an deach a dhroch mhilleadh ann an teine ann an 1993 agus chan eil air fhàgail ach am bothan beag de dh'iarann preasach a-mhàin

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port an t-Sròim is Loch Carrann

ROS: Loch Aillse

1930an

Port an t-Sròim; Loch Carrann; loch; taigh-òsta; baile

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)