Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse Arnasdail is Camus Bàn
EXTERNAL ID
HCD00645
ÀITE
Arnasdal
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
DEIT
26 Gearran 1931
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12356
KEYWORDS
taigh
baile
Loch Shùirn
bàgh
Arnasdal
Arnisdale Lodge and Camus Bàn

Tha Loidse Arnasdail, a thog na h-ailtirean Ros is MacBheatha ann an 1898, air cladach a' Chamuis Bhàin, ann am baile Arnasdail a' coimhead thar Loch Shùirn gu beanntan Chnòideirt. Chaidh an dealbh seo a thogail air 26 Gearran 1931. Bidh e coltach gur ann aig Commandair Kitson a bha an loidse nuair a bha Donnachadh Mac a' Phearsain an seo. Nuair a bha Diùc is Ban-diùc Iorc san sgìre ann an 1933, chaidh iad air sgoth a' Chommandair, an 'Golden Hind', nuair a bha i ceangailte ann an Caol Loch Aillse.

Tha Arnasdal, a th'anns a' bhàgh bheag air a bheil Camus Bàn, a' coimhead thar Loch Shùirn gu beanntean Chnòideirt. Tha am baile faisg air ceann rathad cumhang, lùbach o Ghleann Eilg, seachad air Sanndaig (far an robh Gavin Maxwell a' fuireach uaireigin) is a' crìochnachadh aig Corran, beagan mhìltean ro Cheann Loch Shùirn, far nach eil duine a' fuireach an-diugh. Bidh mòran dhaoine a' falbh à Arnasdal airson a dhol gu Ceann Loch Shùirn ann am bàta is gu mullach Beinn Ladhar ann an Cnòideart, a tha ag èirigh gu 1,020m, agus far am faicear seallaidhean iongantach a-null dhan Eilean Sgitheanach, An Cuiltheann is eileanan Rùm is Eige

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse Arnasdail is Camus Bàn

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1930an

taigh; baile; Loch Shùirn; bàgh; Arnasdal

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)