- TIOTAL
- A'dol a-steach do Uaimh Spar
- EXTERNAL ID
- HCD00666
- ÀITE
- Ealaghol
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: An Srath
- LINN
- 1920an; 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12378
- KEYWORDS
- uaimh
Uamh Spar
Sir Bhatair Scott
spar

Suidhichte aig Drinan, faisg air Ealaghol san Eilean Sgitheanach, tha Uamh Spar a' faighinn ainm on mhèinnearach dhealrach a th' air ballachan na h-uaimh, a' cruthachadh sealladh iongantach nuair a tha solas air. Chan fhaighear dhan uaimh, a tha a'dol a-steach 80 meatair, ach le coiseachd is sreap thar chreagan nuair a tha an làn glè fhada a-muigh. Tha 'fosail'de dh'eas, a bha a' tighinn o loch bheag, anns an uaimh is bha iomadh cruth 'spar' anns an uaimh uaireigin, ach bha mòran den seo air a thoirt air falbh le luchd-turais anns an 19mh linn, an dèidh dhan uaimh fàs na àite mòr-chòrdte le luchd-tadhail nuair a nochd e ann an sgrìobhadh Shir Bhatair Scott, "The Lord of the Isles". 'S dòcha gun deach an dealbh seo a thogail nuair a chaidh Donnchadh Mac a' Phearsain dhan uaimh aairson a' chiad uair ann an 1921, is tha iomradh den turas air bàta à Ealaghol anns an leabhar 'Gateway to Skye'
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives