Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Glàmaig agus Loch Aineart bho Sgalpaigh
EXTERNAL ID
HCD00716
ÀITE
Sgalpaigh; Loch Aineart
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12427
KEYWORDS
Sgalpaigh, An t-Eilean Sgitheanach
rathad a' Mhuil
beanntan
loch
An Cuiltheann
Glamaig and Loch Ainort from Scalpay

Cha robh seirbheis aiseig riamh aig Eilean Sgalpaigh, a tha air taobh an ear an Eilein Sgitheanaich deas air Ratharsair. Mar sin, feumaidh gun do chuir Donnchadh Mac a' Phearsain, neach-chungaidhean a' Chaoil agus dealbhadair, turas air dòigh le neach-bàta a bhuineadh dhan àitel. Chaidh an dealbh a thogail bho bhruthach ann an Sgalpaigh, a' coimhead chun an iar thuath gu beul Loch Ainneart agus tha coltas sònraichte Ghlàmaig ri fhaicinn air a chùl agus a' Bheinn Dhearg Mhòr air an làimh chlì. Is e Loch na Cairidh a tha a' sgaradh Sgalpaigh bhon Eilean Sgitheanach agus chithear am prìomh rathad singilte bhon Ath Leathann, a tha faisg air a' chosta. Mar an seann rathad, tha an A850 fhathast a' dol air slighe tron Dùnan agus tro Lùib air Loch Ainneart ach tha slighe an rathaid an uairsin a' cumail tron ghleann a tha eadar Glàmaig is Druim nan Cleochd. Nuair a chaidh an dealbh seo a thogail agus, gu dearbh, gu beagan bhliadhnaichean air ais, bha an rathad mòr an cois a' chladaich air bruaichean Meall Buidhe agus Meall a' Mhaoil. Bha an rathad seo air a bheil Rathad a' Mhuil, na "làrach mhòr mhillteach" (great disfiguring scar) a rèir Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain agus chithear e bho thaobh eile Ainneart

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Glàmaig agus Loch Aineart bho Sgalpaigh

INBHIR NIS: An Srath

1920an; 1930an

Sgalpaigh, An t-Eilean Sgitheanach; rathad a' Mhuil; beanntan; loch; An Cuiltheann

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)